Allan Campbell: Beachd Ailein – 27.2.20

Want to read more?

We value our content  and access to our full site is  only available with a  subscription. Your subscription entitles you to 7-day-a-week access to our website, plus a full digital copy of that week’s paper to read on your pc/mac or mobile device In addition your subscription includes access to digital archive copies from 2006 onwards

Just want to read one issue? No problem you can subscribe for just one week (or longer if you wish)

Already a subscriber?

 

Subscribe Now

Mun deach mi air chluaineas bha mi aig amannan eadar-dhealaichte nam cheannard air dà bhuidheann a choisinn inbhe “Creideas nar Cosnaichean” (CnC), an t-ainm Gàidhlig a thug sinn air “Investors in People” (IIP).  A’ chiad turas a chaidh mi an sàs san sgeama b’ ann air sgàth cumha a bha an lùib cùmhnant taice bho Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean, ach an dàrna turas rinn mi e air mo bhagaiste fhèin ri linn an luach a bh’ ann. ’S e inbhe àraid a th’ ann an CnC air ìre stiùiridh dhaoine nan cuid àitean-obrach, agus tha an inbhe ga bhuileachadh air buidhnean a dhearbhas gum bheil iad a’ coileanadh agus a’ gleidheadh Ìre CnC. Thòisich an sgeama mar phròiseact leis an Riaghaltas ann an 1991 agus lean sin chun an Fhaoilteach 2017 nuair a dh’atharraich e gu bhith na bhuidheann neo-phrothaideach.  Thar nam bliadhnaichean bho thòisich e tha CnC air àrainneachd agus beatha obrach chòrr mòr air 11 millean neach a leasachadh agus tha an Ìre CnC a-nise aithnichte ann am barrachd air seasgad dùthaich!

Mur eil eòlas agaibh air an sgeama cha b’ iongnadh sibh a bhith a’ faighneachd carson a tha mi a’ dèanamh leithid de mholadh air! Uill, ’s e feallsanachd an sgeama suidheachadh a stèidheachadh ann am buidheann far am bi a h-uile neach-obrach a’ tuigsinn amasan na buidhne agus an t-àite a th’ aig an neach sin fhèin ann an coileanadh nan amasan sin. Mar a chanas luchd-stiùiridh CnC ’s ann ma dheidhinn daoine a tha an sgeama, agus nuair a ruigeas buidheann Ìre CnC tha i a’ faotainn luach a saothrach à luchd-obrach a tha toilichte a bhith ann an cosnadh sam bheil luach ga chur orra agus cothrom aca air adhartas.  Saoilidh mi gum bheil a’ mhòr-chuid mothachail air deatamachd ghnìomhan beag is mòr, sgileil is sìmplidh, a dh’fheumar a dhèanamh gus obair sam bith a thoirt gu buil. Sin an teachdaireachd aig CnC agus tha e a’ ciallachadh gum bheil fèin-spèis gach neach-obrach ga bhrosnachadh mar phàirt de dh’obair na buidhne. Bhithinn aig amannan ga shamhlachadh ri uaireadair nach obraich ma tha am pìos as lugha ga dhìth! Tha Ìre CnC ag aithneachadh gur iad cosnaichean òga ùra dòchas an t-saoghail romhainn, agus ma thuigeas luchd-fastaidh an cuid feumalachdan gun coisinn sin toradh dìlseachd agus dealas. Bhiodh dùil gum biodh luchd-obrach buidhne aig am bheil inbhe Ìre CnC gam meas fhèin a bhith ag obair aig buidheann sònraichte, agus gach neach dhiubh cudromach dha obair an cuid fastaiche.

Leis nach eil inbhe “sgil-ìseal” ann am feallsanachd CnC, carson a bhiodh poileasaidh Riaghaltais a’ cur uimhir de luchd-obrach dhìcheallach na dùthcha ann an suarachas?

The British Government initiative Investors in People (IIP) is recognised worldwide as a people management standard which builds employee self-esteem and job satisfaction by recognising their contribution to corporate objectives. IIP Standard doesn’t label any workers as “lower-skilled” because that would be insulting to thousands of truly conscientious people!

Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk