Beachd Ailein with Allan Campbell – 6 An Gearran 2020

Want to read more?

We value our content  and access to our full site is  only available with a  subscription. Your subscription entitles you to 7-day-a-week access to our website, plus a full digital copy of that week’s paper to read on your pc/mac or mobile device In addition your subscription includes access to digital archive copies from 2006 onwards

Just want to read one issue? No problem you can subscribe for just one week (or longer if you wish)

Already a subscriber?

 

Subscribe Now

Siubhail gu sàbhailte is ruigheachd shlàn dhut! Briathran coibhneil agus deagh rùn a chluinnear bitheanta fiù ’s ged a dh’fhaodte nach eil luchd-labhairt daonnan làn-mhothachail air brìgh an cuid cainnte.

Nuair a chruthaich luchd-poilitigs New York iomairt margaideachd gus spionnadh agus soirbheachas a’ bhaile a bhrosnachadh mu dhà fhichead bliadhna air ais bha feadhainn a’ cur sìos air an iomairt ag ràdh nach robh luchd-obrach thionnsgalan a’ bhaile da-rìribh dhan fheadhainn a bha iad a’ frithealadh nuair a bha iad a’ guidhe latha math dhaibh. (Have a good day!)

Ach dh’obraich sin dha New York agus shoirbhich eaconamaidh a’ bhaile. Theagamh gun gabh New York na bheil ann uile de thèarainteachd sluaigh, ach a dh’aindeoin sin tha amas sàbhailteachd luachmhor agus cudromach.

Bha mi a’ coimhead air ais air Beachd a sgrìobh mi deireadh an Dàmhair 2014 goirid mus deach iomairt ùr a chur an gnìomh gus astar trafaig air an A9 eadar Inbhir Nis agus Peairt a shèimheachadh le camarathan a’ cumail cunntas air astar charbadan fa leth thar phìosan àraid den t-slighe. Bha mi ag aontachadh gur e gluasad riatanach a bh’ ann nan dèanadh e cùisean nas sàbhailte, agus a rèir aithrisean bhon uairsin ’s ann mar sin a th’ air a bhith is gu h-àraid nas lugha de thubaistean bàsmhor air tachairt.

Tha iomadh bliadhna a-nise bho chaidh rathad-mòr an A9 a leasachadh bho shlighe singilte agus ’s fhada bho chrìon annas luchd-siubhail ann an goireas rathad dà-fhillte. Bha iomadh adhbhar air sin, eadar farmad dha rathaidean phàirtean eile den dùthaich agus ri linn cumhachd agus comas astair charbadan an-diugh. Mu dheireadh thall tha an luchd-iomairt a th’ air a bhith a’ coiteachadh gus an t-slighe eadar Inbhir Nis agus Peairt a dhùblachadh a’ faicinn adhartas, le gealladh bho Riaghaltas na h-Albann gum bi slighe dhùbailte crìochnaichte ann an 2025.

Ged a tha luchd-àrainneachd na aghaidh saoilidh mi nach tig latha anns nach bi feum air slighean sàbhailte gus siubhal na dùthcha agus gum bheil sin a’ fìreanachadh na cosgais seo. ’S tric a chithear lèirsinn ùr a’ leantainn gnìomh agus gu cinnteach tha cuid den dealbhachadh a rinneadh air an A9 roimhe air leth cunnartach, gu sònraichte far am bheil aig trafaig ri gearradh tarsaing air carbadan eile nuair a tha iad a’ fàgail neo a’ tighinn chun na làimhe-deise air an rathad.

Bhiodh cosgais na mhàthair-adhbhar air co-dhùnaidhean nuair a thogadh an siostam seo, agus tha cosgais nas motha buileach na trioblaid a’ feuchainn ris na mearachdan sin a cheartachadh. Dè luach a chuirear air beatha neach sam bith?

Cuiridh sinn fàilte air rathad ùr le dòchas gur e sàbhailteachd luchd-siubhail am prìomh iùl aig an luchd-dealbhachaidh.

Hazardous junctions on the A9 have claimed many lives over the years, and as the dualling of the route between Inverness and Perth moves towards completion in 2025, it is vital that the safety of its users over many decades ahead is the guiding principle of its construction.

Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk