Beachd Ailein with Allan Campbell – 30.1.20

Want to read more?

We value our content  and access to our full site is  only available with a  subscription. Your subscription entitles you to 7-day-a-week access to our website, plus a full digital copy of that week’s paper to read on your pc/mac or mobile device In addition your subscription includes access to digital archive copies from 2006 onwards

Just want to read one issue? No problem you can subscribe for just one week (or longer if you wish)

Already a subscriber?

 

Subscribe Now

Bho àm gu àm bidh mi a’ cuimhneachadh air abairtean nach cuala mi bho chionn fhada. Thàinig fear dhiubh sin thugam is mi ag èisteachd ris a’ bhan-Iùdhach Rena Quint a thug a beatha air èiginn à campa iargalta Belsen nuair a ràinig arm Bhreatainn e air 15 Gìblean, 1945. Nach ann oirre chaidh an gleidheadh!  Leanabh mu shia bliadhna gu leth a bha air fàs cho èiseil is gun deach a tilgeil leis na geàird air dùn chorp a bha gu bhith gan losgadh, agus sin far an deach a lorg nuair a shaoradh an campa! Chaidh a màthair ’s a h-athair, is a dithis bhràithrean a mhurt aig campa Treblinka, far am bheileas a’ tuairmeas gun deach eadar seachd agus naodh ceud  mìle Pòlanach agus dà mhìle Ròmanach a chur gu bàs leis na Nàsaich. Gann seachd bliadhna a dh’aois cha robh duine aig Rena a bhuineadh dhi agus tha i air innse gun robh sia “màthair” fa leth a thug an aire dhi chun an robh i deich agus air a h-uchd-mhacachd ann an Ameireagaidh. Chunnaic is dh’fhuiling i uabhasan a tha cha mhòr do-chreidsinneach ach chaidh a gleidheadh gus deagh bheatha fhada a mhealtainn eadar Ameireagaidh agus  Israel. Aig aois ochdad ‘s a ceithir a-nise tha e cur dragh mòr oirre, nuair a thig bàs air a leithid-se, nach bi cuimhne neo creideas aig daoine mu na thachair aig àm an Dàrna Cogaidh.

Dh’fhàg an cogadh sin iomadh lot goirt ann an eachdraidh theaghlaichean feadh an t-saoghail agus còrr air seachdad is còig bliadhna air adhart tha cuimhne agus mothachadh air na thachair agus na dh’fhuilingear a’ fannachadh. Ach tha e deatamach gun lean a’ chuimhne air sgàth urram nam milleanan a chailleadh, agus cuideachd dòchas gun cùm fianais bacadh gu ìre air choreigin air a leithid tachairt a-rithist. Thug innleachdan borba an t-sabaid tinneasan ùra gu bith cuideachd agus ’s e pàirt den dìleab dhuilich a dh’fhàg an dà Chogadh againn gum bheil aillse a’ sgrios dhaoine gu ìre nas miosa. Leis an sgiùrs seo a’ bualadh dhaoine ann an leithid de chaochladh dhòighean tha dùbhlan a dh’ionnsaigh leigheis tàireil gu ruige seo le cungaidhean eadar-dhealaichte a dhìth a rèir gnè an tinneis. Ach tha deàlradh dòchais a-nise air tighinn à obair-rannsachaidh aig Oilthigh Cardiff, gum faodadh aon slànachadh a bhith ri lorg a dhèiligeadh ri iomadh seòrsa aillse. Thathas air gnè àraid de cheallan-T a lorg aig am bheil comas ceallan a th’ air an gànrachadh le caochladh sheòrsa aillse a lorg agus a sgrios ann am bodhaig an euslaintich.  Nan tigeadh sin gu bith gu cinnteach rachadh gleidheadh air milleanan feadh an t-saoghail!

Just six years old and at death’s door, Rena Quint’s rescue from Belsen in April 1945 is an extraordinary story of survival from the horrors of war.

There is hope millions might survive world-wide in future if Cardiff University research into a unique form of T-cell can be developed into a “universal” cancer treatment.

Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk