Beachd Ailein with Allan Campbell – 23.1.20

Want to read more?

We value our content  and access to our full site is  only available with a  subscription. Your subscription entitles you to 7-day-a-week access to our website, plus a full digital copy of that week’s paper to read on your pc/mac or mobile device In addition your subscription includes access to digital archive copies from 2006 onwards

Just want to read one issue? No problem you can subscribe for just one week (or longer if you wish)

Already a subscriber?

 

Subscribe Now

Taigh gun chù, gun chat, gun leanabh beag, taigh gun ghean, gun ghàire! ‘S e pàirt phrìseil den t-seanfhacal sin an companas a tha nochdte san taigh.  Bho chionn beagan làithean tha sinne air a bhith a’ toirt beagan taice dha nàbaidh nach eil air a bhith a’ cumail ro mhath. Thug cnatan mòr greadadh air  a chomasan agus a dh’aindeoin a bhith gu nàdarrach neo-eisimeileach tha e a’ tuigsinn gum bheil feum aige air taic, agus tha nàbaidhean toilichte sin a chumail ris. Aon rud a bhuail orm fhìn gu mòr ’s e  cho aonranach ‘s a tha a shaoghal is e an ìre mhath glaiste aig an taigh. Tha e ag ionndrainn àbhaisteachd cuideachd agus còmhradh a charaidean. Lean an smuain sin leam is mi a’ tadhal air seann charaid eile ann an dachaigh-cùraim. Chan eil dìth taice neo coibhneis aige-san far am bheil e, ach thug mi ’n aire gun robh e a’ call cuimhne air mòran de na rudan mum biomaid a’ còmhradh, agus bha a chuid Gàidhlig ga thrèigsinn beagan. Chan eil teagamh nach eil buaidh mhòr aig aonranachd air an t-suidheachadh sin cuideachd, oir tha a’ mhòr-chuid de na tha san dachaigh cuide ris a’ fulang le dìth cuimhne, agus chan eil Gàidhlig aig duine aca. Dh’iarramaid uile gun gabhadh suidheachaidhean mar seo a sheachnadh agus gum biodh a h-uile taic air a chur air dòigh dha sean agus òg ann an dùthaich bheartach adhartach. Ach chan eil am “beartas” idir làidir le crìonadh ann an seirbheisean poblach de gach seòrsa fad bhliadhnaichean, ’s gun iomradh air lasachadh.

Far nach eil ràn is gàire naoidhein cha bhi sluagh òg a’ fàs suas a bharrachd, is thig crìonadh air cànan, dualchas, agus eòlas coimhearsnachd. Chan iongnadh dragh a bhith air luchd-poilitigs nan Eileanan Siar, mar aon àite a tha a’ faicinn tràghadh sluaigh. Tuigear cuideachd carson a bhiodh daoine diombach à buidheann poblach leithid HIAL a bhith a’ bagairt cur às do chosnaidhean anns na h-Eileanan Siar mar “leasachadh” air an cuid seirbheis dhan àite. Aig an aon àm ‘s a tha seo ga chur air adhart tha buidhnean poblach eile ri spàirn a’ brosnachadh leasachaidhean sòisealta agus eaconomaigeach agus cha b’ iongnadh cuid a bhith ag ràdh gum bheil an dàrna gnìomh a’ magadh air an fhear eile! Carson, tha iad a’ faighneachd, nach eil a h-uile buidheann poblach ag obrachadh còmhla gus poileasaidhean agus amasan an riaghaltais air fad a chur an gnìomh?

Deagh cheist, agus ’s e pàirt den fhreagairt nach eil a h-uile buidheann air a maoineachadh tron aon roinn den Riaghaltas agus gum bheilear daonnan a’ sireadh an luach as fheàrr às na chosgas iad, agus theagamh nach biodh barrachd luach comasach far am biodh coimeasgadh amasan!

One can understand people in the Western Isles questioning an apparent lack of integrated policy when one public body plans to cut jobs to develop its service, while other public bodies strive to create employment and develop the economy.

Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk