Beachd Ailein with Allan Campbell – 16.1.20

Want to read more?

We value our content  and access to our full site is  only available with a  subscription. Your subscription entitles you to 7-day-a-week access to our website, plus a full digital copy of that week’s paper to read on your pc/mac or mobile device In addition your subscription includes access to digital archive copies from 2006 onwards

Just want to read one issue? No problem you can subscribe for just one week (or longer if you wish)

Already a subscriber?

 

Subscribe Now

Cha tèid duine às àicheadh gum faod dràibheadh a bhith cunnartach dhan neach a tha ris agus do dhaoine eile, agus tha am poileas ceart a bhith a’ comhairleachadh dhràibhearan gun fònaichean-làimhe a chleachdadh nuair a tha iad a’ siubhal. Tha sin a’ ciallachadh inneal a bhith nan làmh, oir tha goireas anns a’ mhòr-chuid de charbadan ùra a leigeas le duine teachdaireachdan a fhreagairt gun làmh a chur air a’ fòn fhèin. Sin an lagh aig an ìre seo ach tha mòran a chanas nach bu chòir fiù ’s sin a bhith ceadaichte. Cluinnear argamaid gun tèid an dràibhear an sàs ann an còmhradh fòn domhainn ’s gun caill e aire air an rathad agus gun adhbharaich e tubaist. Dh’fhaodadh sin tachairt gun teagamh ach ’s ann glè ainneamh, agus tha ceist ann a thaobh na h-ìre a ghabhas dràibhearan a cheannsachadh.

Mu dheireadh an naodhamh linn deug bha dleastanas air dràibhearan bratach dearg a bhith ga ghiùlan romhpa gus luchd-cleachdaidh eile nan rathaidean a dhìon. Abair gum bheil sinn air astar a chur às ar dèidh bhon uairsin! Chan e a-mhàin gum bheil na carbadan nas luaithe is nas cumhachdaiche, tha iad cuideachd air an sgeadachadh le goireasan rèidio is eile gus an dràibhear a chumail air a dhòigh, agus na dhùisg, fhad ’s a tha e a’ siubhal. Tha fiù ’s goireasan telebhisean ann an cuid a charbadan gus luchd-siubhail nach eil a’ dràibheadh a thoileachadh! Faodar cuideachd ithe agus òl fhad ’s a tha thu a’ dràibheadh, ged a dh’fheumar faighneachd dè cho sàbhailte ‘s a tha leithid sin aig amannan! Agus tha mi creidsinn bho nochd a’ chiad chàr gum bheil daoine air a bhith a’ còmhradh, ag innse sgeulachdan, a’ gàireachdainn, agus a’ seinn fhad ’s a tha iad a’ dràibheadh.

Dh’fhaodadh gach cleachdadh a bhith na chunnart ann an suidheachadh àraid, ach tha ar beatha làitheil làn chunnartan agus tha sinn a’ dèiligeadh riutha sin le bhith a’ cleachdadh ciall. Saoil am feum sinn an aon ìre cèille nuair a bhios sinn a’ cur eòlas air carbadan a bhios a’ siubhal gun dràibhear idir, neo am faod sinn earbsa a chur ann an coimpiutair an àiteigin anns na speuran gus ar toirt dhachaigh sàbhailte?

Ach gu follaiseach tha e ceàrr dha dràibhear aire a thoirt far an rathaid gus fòn-làimhe obrachadh, agus saoil nach eil an aon rud fìor dha dràibhearan poileis a chìthear air telebhisean a’ siubhal aig astar agus a’ toirt làmh far na cuibhle gus rèidio air an gualainn obrachadh? Comhairle bhuapa nach d’ fhuaireadh aca ‘s dòcha as na tha iad ag ràdh rinn mu na fònaichean-làimhe?

Driving any vehicle is potentially dangerous for the driver and other road users, so police campaigns to stop mobile phone use by drivers is justified. It is interesting, however, to note television programmes showing police traffic officers driving one-handedly at high speeds while operating shoulder mounted radios. Surely a dangerous practice, and a bad example!
Ailean Caimbeul (Allan Campbell)
ailean@obantimes.co.uk