Allan Campbell: Beachd Ailein – week 47

Want to read more?

We value our content  and access to our full site is  only available on subscription. Your subscription entitles you to 7-day-a-week access to our website, plus a full digital copy of that week’s paper to read on your pc/mac or mobile device In addition your subscription includes access to digital archive copies from 2006 onwards

Already a subscriber?

 

Subscribe Now

’S Neònach mura robh mòran agaibh a sheas nar tost airson dà mhionaid aig aon uair deug seachdain Diluain seo chaidh, an aona latha deug den t-Samhain, ceud agus aon bhliadhna bho chaidh crìoch a’ Chogaidh Mhòir a chomharrachadh an toiseach. Ged a tha cuimhne na chailleadh anns an Dàrna Cogadh, agus ann an cathannan eile bhon uairsin, a’ gleidheadh aire tha e fìor gum bheil teaghlaichean a’ call aithne air a’ chuideachd a bhuineadh dhaibh a chaidh a dhìth anns na h-iomadh blàr a ghabh àite. Tha e cuideachd fìor nach eil riaghladairean an t-saoghail ag amas air sìth a ghleidheadh, is tha “bruaillean cogaidh” mar a’ sgrìobh an t-Ìleach Donnchadh MacIain anns an òran eireachdail Sìne Bhàn is e fhèin ga thogail dhan Chogadh Mhòr ann an 1914, daonnan air fàire. Ach a dh’aindeoin sin tha e math gum bheil sluagh mòr a’ nochdadh urram cuimhne gach bliadhna air latha comharrachaidh na foise-fòirneirt, agus chan eil teagamh nach eil fiù ’s am beagan tuigse air eachdraidh nam blàr a’ toirt buaidh air daoine.

Bha smuaintean den t-seòrsa sin a’ cur charan nam inntinn nuair a thachair dhomh sgeulachd fhaicinn air naidheachdan telebhisean a dh’fhàg mi glè bhrònach. Dilleachdan aona bliadhna deug a dh’aois air tràigh Thripoli an ceann a tuath Afraga, air a bheò-ghlacadh leis an eagal, is e ag amas faotainn thairis air a’ Mhuir Mheadhan-thìreach. Tha e a’ feuchainn ri a shlighe a dhèanamh dhan Roinn Eòrpa far an robh a mhàthair nach maireann a’ bruadar  gum biodh e na chluicheadair ball-coise ainmeil latha air choreigin! ‘S aithne dhan mhòr-chuid againn clann a tha aona bliadhna deug a dh’aois, agus tha e do-dhèanta dhuinn smaoineachadh orra ann an leithid seo de shuidheachadh! Cò nach fhairicheadh truas ris a’ phàiste sin na aonar a’ siubhal an t-saoghail? ‘S e còmhstri agus easbhaidh eaconamach a dh’fhàg am balach seo agus na mìltean eile anns an t-suidheachadh chunnartach sam bheil iad ag imrich nan èiginn a’ lorg tèarmann agus beatha ùr. Tha a’ mhòr-chuid aca a’ sireadh bith-beò agus an seòrsa tèarainteachd agus cofhurtachd a tha againne mar chòir, tèarainteachd a choisneadh dhuinn le ìobairt nan iomadh beatha a th’ air, agus is còir,  an cuimhneachadh chan ann a-mhàin san t-Samhain gach bliadhna ach gach latha a tha sinn beò san t-saorsa a thug iad dhuinn!

Thuirt ceatharnaich cogaidh bho gach linn gur e duine aineolach air nach robh eagal ri uchd bualaidh, agus gun teagamh cha b’ ann len deòin a dh’fhàg iad dachaigh agus luchd an gaoil ‘s an eòlais. B’ e dleastanas a bh’ ann, mar a tha an dleastanas a th’ oirnne uile carthannas agus coibhneas a nochdadh dhan fheadhainn a tha a’ lorg comraich agus tèarainteachd.

The 101st anniversary of the first armistice service and the nationwide two minutes of silent respect for those who gave “their tomorrow” to safeguard “our today” was poignantly appropriate.  Our freedom should be our daily reminder of what they achieved.

Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk