Allan Campbell: Beachd Ailein – week 44

Want to read more?

We value our content  and access to our full site is  only available on subscription. Your subscription entitles you to 7-day-a-week access to our website, plus a full digital copy of that week’s paper to read on your pc/mac or mobile device In addition your subscription includes access to digital archive copies from 2006 onwards

Already a subscriber?

 

Subscribe Now

‘S e anail a’ Ghàidheil am mullach! Cò nach aontaicheadh ri leithid sin de dh’fheallsanachd, ach ‘s e dòigh-beatha a th’ann a dh’fhaodadh tinneas adhbharachadh ri linn spàirn leantainnich. A dh’aindeoin sin tha cuid a ghreimicheas gu diongmhalta air amas agus leanaidh iad sin le dìoghras fad am beatha! Ann an daingneachd ar cridheachan, tha sinn a’ creidsinn, gum faigh sinn buaidh uaireigin!

Seachdad bliadhna air ais, fo bhuaidh cogadh faoin Ameireagaidh ann am Vietnam, b’ e amas sìth an t-saoghail a bha a’ gluasad leithid Bob Dylan ach an-diugh tha dìon na h-àrainneachd a’ glacadh aire òigridh agus inbhich feadh an t-saoghail. Bheil daoine air fàs nas buailtiche dha iomairtean mòra, is sluagh dhùthchannan dheamocratach a’ gabhail brath air saorsa beachdan agus gearainean fhoillseachadh gu poblach. Ach tha an t-saorsa sin cuideachd a’ fàgail cothrom aig riaghaltasan iomadh leisgeul a thogail an aghaidh atharrachadh poileasaidh.

‘S dòcha mar sin gum bheil leithid sluagh Hong Kong airidh air a’ mholadh as motha is iadsan a’ sireadh tomhas de riaghladh deamocratach an aghaidh rùn cruaidh neo-thruacanta a’ Phàrtaidh Chomannach a tha os cionn Shìona.

Chan iongnadh ged a chailleadh daoine am misneachd ‘s an dòchas ma choinneamh bheachdan raga riaghaltasan agus ghnìomhachasan mòra an t-saoghail. Reachdas, airgead, agus rùn sluaigh, trì rudan a chuidicheas gus atharrachadh a thoirt air modh-giùlain dhaoine ann an dùthchannan deamocratach. Nuair a nochd Riaghaltas na h-Alba gun robh smocadh gu bhith toirmisgte ann an togalaichean poblach b’ e deireadh an t-saoghail a bha gu bhith ann am beachd chuid! Cha bhiodh taigh-seinnse air fhàgail agus cha ghabhadh na riaghailtean cumail an gnìomh!

An-diugh ‘s e annas a th’ ann cuideigin fhaicinn a’ smocadh an àite sam bith agus gun teagamh tha sin a’ leasachadh slàinte, agus le lagh a-nise air prìs dheochan-làidir àrdachadh gu mòr ‘s e ùine a dh’innseas dè a’ bhuaidh a bheir sin air slàinte a’ mhòr-shluaigh.

An dèidh bliadhnaichean a’ moladh charbadan dìosail dhuinn tha an riaghaltas a-nise gar brosnachadh gus carbadan dealain a cheannach. Tha cosgais a’ cur bacadh air reic nan carbadan sin ach tha an riaghaltas dol a bhreugadh dhaoine gus an ceannach le bhith a’ gealltainn cead dha càraichean dealain siubhal ann an slighean bhusaichean nam bailtean-mòra.

Ach dè fhad ’s chun am bi uimhir de charbadan air na slighean sin is nach fhaigh na busaichean cumail rin cuid chlàran-siubhail? Mar a chanadh na bodaich, chan e sin baile a mhaireas! Agus dè ma dheidhinn iomairt leasachaidh na Gàidhlig? Amas a tha an urra ri rùn phearsanta dhaoine agus a’ mhisneachd a th’ aca nan cànan agus nan dualchas. Tha reachdas a’ cruthachadh bhunaitean agus chothroman ach feumaidh an creideas tighinn bho chridhe dhaoine fhèin.

Access to city bus-lanes will influence sales of electric vehicles, but how long before these bus-lanes become so congested that buses will be unable to maintain timetables? Essential-user rural motorists have no incentive to go electric with high purchase charges, and few chargers!

Ailean Caimbeul (Allan Campbell)
ailean@obantimes.co.uk