Beachd Ailein – 24 An Dàmhair 2019

Want to read more?

We value our content  and access to our full site is  only available on subscription. Your subscription entitles you to 7-day-a-week access to our website, plus a full digital copy of that week’s paper to read on your pc/mac or mobile device In addition your subscription includes access to digital archive copies from 2006 onwards

Already a subscriber?

 

Subscribe Now

B’ e seachdain thrang agus mhisneachail a bh’ againn aig Mòd Nàiseanta Rìoghail 2019 ann an Glaschu, agus chrìochnaich cùisean le tional chòisirean air dorsan Talla Rìoghail Chiùil Ghlaschu gus seinn còmhla agus beannachd fhàgail aig baile aoigheachd a’ Mhòid.

Tha a’ chuirm seo a’ fàs gach bliadhna is muinntir nam bailtean sam bheil am Mòd a’ tachairt a’ gabhail cothrom tighinn a dh’fhaicinn agus a dh’èisteachd, agus ‘s e cothrom math eile a th’ ann gus a’ Ghàidhlig agus a ceòl fhoillseachadh.

Rinneadh sin ann am fianais shluagh mòr a chruinnich air Sràid Bhochanain madainn Dhisathairne seo chaidh, Gàidheil agus caraidean a’ coinneachadh air an t-sràid ainmeil sin mar a rinn iad fad linntean bho shean.

Ghabhadh cuideachd cothrom taing a thoirt dha na h-uile a chuir ri deasachadh agus lìbhrigeadh cuirm a bha soirbheachail agus taitneach, agus chaidh Bratach a’ Mhòid a shìneadh gu Neach-gairm Chomataidh Eagrachaidh Ionadail Mhòd Nàiseanta 2020 ann an Inbhir Nis.

Gun teagamh tha uallach an cois dleastanasan na Comataidh sin, a’ cuideachadh a’ Chomuinn Ghàidhealaich le bhith a’ togail taic airgid gu h-ionadail dhan Mhòd agus a’ deasachadh Iomall soirbheachail. Ach tha An Comunn glè mhothachail nach eil an aon ìre ghoireasan neo maoineachaidh aig gach baile aoigheachd agus nach urrainnear coimeas mionaideach a dhèanamh eatarra. Cuiridh gach coimhearsnachd fa leth an dreach fhèin air Iomall a’ Mhòid dam bheil iad a’ toirt aoigheachd, agus bidh An Comunn taingeil airson an cuid taice le sin.

Ghabh sinn beannachd le Glaschu le fìor dheagh chuimhneachain air Mòd 2019, agus le taing mhòr airson aoigheachd agus càirdeas Bhaile Mòr nan Gàidheal! Uair neo dhà tron t-seachdain, mar a bhiodh dùil, chualas an t-òran “Soraidh leibh is oidhche mhath leibh” ga sheinn, agus tha mi cho toilichte gum bheilear a-nise a’ cluinntinn cheathramhan an òrain uile nas bitheanta.

Rugadh bàrd an òrain Iain MacPhàidein ann an 1850 ann am Baile Mhuilinn ann am Muile, ach gu follaiseach tha faireachdainn na sgrìobh e an seo cho làidir an-diugh ‘s a bha riamh. A’ sealltainn air ais air Mòd Ghlaschu 2019 thug mi taing cuideachd dha na meadhanan, le aithne air cho beag ‘s a tha an saoghal air fàs an-diugh agus daoine air chomas am Mòd fhaicinn is a’ cluinntinn beò feadh an t-saoghail tron eadar-lìon.

Grian cha laigh a-nochd air mìltean
Leis am binn a fuinn ‘s a rainn,
‘S dom bidh ‘n sgeul na mhòr-thoil-inntinn,
Dh’innseas dhaibh gun robh sinn cruinn.

Astar cuain cha dèan ar sgaradh,
‘S dùrachd dàimh am bannaibh toinnt’,
Glèidh an t-àgh na dh’fhàg a bheannachd,
Oidhche mhath leibh, beannachd leibh!

Music from massed Gaelic choirs on the steps of Glasgow Royal Concert Hall brought the very successful Royal National Mòd 2019 to an end last Saturday, with warm thanks to the City of the Gaels for its famed hospitality.

Organisers An Comunn Gaidhealach expect this will be proudly replicated by traditional Highland hospitality in Inverness, already two years into preparations to host National Mòd 2020.

Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk