Seud naiseanta airidh air aithne shonraichte

Want to read more?

We value our content  and access to our full site is  only available on subscription. Your subscription entitles you to 7-day-a-week access to our website, plus a full digital copy of that week’s paper to read on your pc/mac or mobile device In addition your subscription includes access to digital archive copies from 2006 onwards

Already a subscriber?

 

Subscribe Now

Mar a tha mi air sgrìobhadh ann am Beachd an àite eile tha seo ga dheasachadh grunnd làithean mus eil sibh ga leughadh, agus bidh iomradh nas coileanta agam air dìleab Mhòd Nàiseanta Ghlaschu 2019 an-ath-sheachdain.

Aig fosgladh a’ Mhòid bha e na urram dhomh às leth A’ Chomuinn Ghàidhealaich moladh blàth a dhèanamh air na ginealaichean de shàr Ghàidheil a chur ri adhartas a’ bhaile, agus cuideachd na Gàidheil  a tha a’ cur ri dhìleab chultarach an-diugh. Bha e fìor mhath Mòd Nàiseanta fhaicinn ann an Glaschu airson an treas turas deug, agus ged a bha ùine bhon a bha e sa bhaile mu dheireadh bha Gàidheil Ghlaschu air leantainn nam pàirt cudromach agus taiceil dha Mòdan Nàiseanta agus Ionadail. Rinn mi cuideachd moladh air dealas phàrantan a rinn strì agus a choisinn a’ chiad aonad foghlam Gàidhlig an Alba, le naodhnar chloinne aig Bun-sgoil Sir John Maxwell ann an 1985.  Le còrr air mìle cloinne a-nise a’ faotainn an cuid foghlaim tron Ghàidhlig an Glaschu bha mi a’ cur meal-a-naidheachd air Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu  agus Bun-Sgoil Ghleann Dail,  agus cuideachd air gach sgoil, agus aonad, Gàidhlig feadh Alba a tha a’ brosnachadh phàrantan feadh na dùthcha.  Bha mi moiteil a ràdh gun cùm An Comunn Gàidhealach làn-thaic ri fàs Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig ann an sgoiltean sam faigh clann làn-bhogadh sa chànan.

Chuir mi an cuimhne luchd-èisteachd gum bheil e na phrìomh amas leasachaidh aig Plana Nàiseanta na Gàidhlig gum bi barrachd dhaoine a’ cleachdadh na Gàidhlig ann am barrachd shuidheachaidhean,  eadar dachaigh, cur-seachad, agus an raointean obrach. ‘S e amas a tha sin a tha gu mòr an crochadh air rùn phearsanta dhaoine agus a’ mhisneachd is a’ mhoit a bhios aca nan cànan agus nan dualchas. Tha planaichean cànain is obair-leasachaidh a’ cruthachadh bhunaitean agus chothroman, ach feumaidh an fhèin-spèis, an creideas, agus an neart, tighinn bho chridhe dhaoine fhèin.

Thuirt mi gum bheil An Comunn Gàidhealach moiteil gum bheil am Mòd Nàiseanta Rìoghail agus na Mòdan Ionadail feadh Alba a’ brosnachadh a’ chreideis sin am measg Ghàidheil de gach aois. Tha trì mìle deug neach a’ dol tro na Mòdan Ionadail gach bliadhna agus leis a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail, sa bhitheantas, a’ cur 3,000 eile ris an àireamh sin tha còrr air sia mìle deug thachartasan Gàidhlig a’ ruith tron mhòr-chuid den bhliadhna co-cheangailte ri Mòdan!  Nuair a thèid na mìltean a tha a’ tighinn fo bhuaidh an deasachaidh airson nam Mòdan a chunntas, mar luchd-oideachaidh agus buill teaghlaich, tuigear ìre na buaidh a th’ againn a thaobh cleachdadh na Gàidhlig!  Seud Nàiseanta airidh air aire shònraichte.

At the opening of this year’s National Mod, I was pleased to honour the contribution which Gaels continue to make to Glasgow. In the vanguard with Gaelic-medium education, Glasgow has also given stalwart support to the National Mod over the years, helping the evolution of a national treasure.

Ailean Caimbeul (Allan Campbell)                                              ailean@obantimes.co.uk