Beachd Ailein – 17 An Dàmhair 2019

Want to read more?

We value our content  and access to our full site is  only available on subscription. Your subscription entitles you to 7-day-a-week access to our website, plus a full digital copy of that week’s paper to read on your pc/mac or mobile device In addition your subscription includes access to digital archive copies from 2006 onwards

Already a subscriber?

 

Subscribe Now

Mun àm a bhios sibhse a’ leughadh seo bidh Mòd Nàiseanta Rìoghail Ghlaschu còrr air letheach seachad, agus tha mi ’n làn-dòchas gum bheil othail agus àbhachdas air a bhith a’ dol, am measg ealantais cainnte agus ciùil!

Ri linn ‘s mar a tha ùine deasachaidh a’ phàipeir seo tha mise a’ sgrìobhadh ‘s gun am Mòd seo ach air ùr thòiseachadh, ach abair gun robh sin aighearach agus dripeil, agus bha e a’ gealltainn fìor dheagh chuirm fad na seachdaineach. Bu mhath am brosnachadh am-bliadhna seo a-rithist a bhith a’ faicinn sàr Ghàidheal tàlantach òg a’ faotainn urram Tosgaire na Gàidhlig aig Riaghaltas na h-Alba.

Gum meal Alasdair MacIlleBhàin an naidheachd. Bha e na mhisneachadh mòr cuideachd gun tàinig Iar Phrìomh Mhinistear Riaghaltas na h-Alba a thoirt seachad na duaise sin, agus a dhèanamh fosgladh oifigeil air Mòd Nàiseanta 2019.

Shaoileadh tu nach gabhadh bàrr cur air leithid sin ach dìreach an dèidh na cuirme-fosglaidh ann an eireachdas Sheòmraichean Baile Ghlaschu, chumadh cuirm-chiùil ma choinneamh an togalaich sin ann an Ceàrnag Sheòrais far an robh còisir chloinne le còrr air ceud seinneadair à sgoiltean Ghlaschu.

Abair teachdaireachd làidir bhon bhaile a thaobh foghlam Gàidhlig, agus mar nach robh sin na bhrosnachadh gu leòr chualas cuideachd bhon chòisir Gàidhlig, Alba, a thug Joy Dunlop gu farpais Eòrpach am-bliadhna. Cha do bhuinnig Còisir Alba san fharpais Eòrpaich ach dh’fhoillsich e Gàidhlig gu h-eadar-nàiseanta, agus thog e inbhe agus cliù a choisinn, le ceartas, moladh mòr.

Disathairne bha Lèanag Ghlaschu beò le fuaim na Gàidhlig a-rithist is farpaisean bhall-coise bhan, agus iomain, gan cur gu h-èasgaidh, dùrachdach. Leth-cheud bliadhna air ais nuair a chaidh am Mòd Nàiseanta a chumail san Aghaidh Mhòr ‘s ann a chaidh farpais iomain Chupa a’ Mhòid a chluiche airson a’ chiad turas, agus bhuannaich Bail’ Ùr an t-Slèibh an duais nan nàbachd fhèin.

Seach a-mhàin trì tursan bhon uairsin chaidh an fharpais seo fheuchainn aig a h-uile Mòd Nàiseanta agus ‘s neònach mura robh miann buinnig a’ Chupa fiù ‘s nas làidire buileach san chaogad bliadhna seo bho thòisich i! Chaidh sgiobaidhean iomain Eilean Bhòid agus Ghlaschu Meadhan Earra-Ghàidheal ris a’ gheama le sùrd agus tuigidh sibh mar a bha briathran Mhàiri Mhòr anns a’ bhàrdachd air Camanachd Ghlaschu a’ tighinn thugam.

Gach fleasgach gun mheang
‘S a chaman na làimh,
‘S a chnapag le srann ga fògair leò.

‘S ann ann a bha ’n ealain
Le glagadaich chamain
‘S gach curaidh cur fallais is ceòthran deth!

B’ e latha mòr a bh’ ann dha “fleasgaich” Ghlaschu Meadhan Earra-Ghàidheal a bhuannaich an gèam ’s an Cupa tro bhuillean-peanais aig deireadh cùise, agus chaidh duais ùr, Cupa Mòd nam Ban, cuideachd gu sgiobadh bhan Ghlaschu Meadhan Earra-Ghàidheal.

The 2019 Royal National Mòd got off to a stirring start with, among other excellent performances, a choir of more than 100 Glasgow school-children singing at an open-air ceilidh in George Square, shortly after Deputy First Minister John Swinney had declared the event open at a ceremony in Glasgow City Chambers. I hope you are enjoying the Mòd, whether you are in Glasgow or joining through media.

Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk