Allan Campbell: Beachd Ailein – week 41

Want to read more?

We value our content  and access to our full site is  only available on subscription. Your subscription entitles you to 7-day-a-week access to our website, plus a full digital copy of that week’s paper to read on your pc/mac or mobile device In addition your subscription includes access to digital archive copies from 2006 onwards

Already a subscriber?

 

Subscribe Now

Feasgar a-màireach fosglaidh Mòd Nàiseanta Rìoghail 2019 ann an Glaschu, Baile Mòr nan Gàidheal, agus bidh buill Comataidh Eagrachaidh Ionadail Mòd Ghlaschu air an ceann-uidhe a ruigheachd. Meal an naidheachd orra, agus cuideachd air sgioba beag A’ Chomuinn Ghàidhealaich a th’ air Mòd Nàiseanta eile a thoirt gu buil!  Mar a thuigear tha cnàimhneach a’ Mhòid stèidhichte air farpaisean cànain is ciùil na fèise agus ged a tha dreach an tachartais air atharrachadh thar nam bliadhnaichean tha amas bunaiteach a’ Mhòid mar a bha riamh, agus ‘s e sin cànan agus ceòl nan Gàidheal a chomharrachadh agus fhoillseachadh. Chan eil teagamh nach tachair sin am-bliadhna a-rithist ann an Glaschu!  ‘S e aon de na h-uallaichean a th’ air a’ Chomataidh Eagrachaidh Ionadail Iomall a’ Mhòid a dheasachadh mar sgeadachadh air a’ chnàimhneach agus chithear mar a dh’fhaodas sin a bhith glè eadar-dhealaichte a rèir ’s mar a bhios comas maoineachaidh. Mar a bhiodh dùil ann am prìomh bhaile na dùthcha bidh Iomall Mhòd 2019 ann an Glaschu snasail agus dripeil agus na chothrom dha neach sam bith a dh’iarras blasad fhaotainn air cànan agus cultar nan Gàidheal.

Mar a bha riamh fìor bidh sinne fialaidh le ar dualchas, agus co-dhiù a thadhlas sibh air Mòd na bliadhna seo ann an Glaschu fhèin neo tro phrògraman rèidio, telebhisean, neo na h-eadar-lìn, tha mi ’n dòchas gun còrd e ribh agus gum brosnaich e moit às ùr dhuibh nar cànan! Leis a’ mhisneachadh gum bheil Crùn a’ Bhàird gu bhith ga bhuileachadh am-bliadhna às ùr, saoilidh mi gum bheil e iomchaidh bhur fàgail le beagan de bhàrdachd a mhair tro na linntean ged a tha an sgrìobhadair fada bhuainn.  Rugadh Donnchadh MacIlleRuaidh anns A’ Chlachan an Cinn Tìre ann an 1849 agus cò nach do thog fonn air na beagan rannan seo de fhear de na h-òrain a sgrìobh e!

Togaibh i, togaibh i, cànan ar dùthcha,
Togaibh a suas i gu h-inbhe ro-chliùitich;
Togaibh gu daingeann i ‘s bithibh rith’ bàidheil,
Hì ho rò, togaibh i, suas leis a’ Ghàidhlig!

‘S i cànan na h-òige; ‘s i cànain na h-aois;
B’ i cànan ar sinnsir; b’ i cànan an gaoil;
Ged tha i nis aost’, tha i reachdmhor is treun;
Cha do chaill i a clì ‘s cha do strìochd i fo bheum.

Tha mòr-shruth na Beurla a’ bagradh gu cruaidh
Ar cànain ‘s ar dùthchas a shlugadh a suas;
Ach seasaibh gu dìleas ri cànain ur gaoil,
‘S chan fhaigh i am bàs gu ruig deireadh an t-saoghail.

A Chlanna nan Gàidheal, bithibh seasmhach is dlùth
Ri guaillibh a chèile a’ cosnadh gach cliù;
O seasaibh gu gaisgeil ri cànain ur gràidh
‘S na trèigibh a’ Ghàidhlig a-nis no gu bràth.

Congratulations to all who have worked so hard to organise the Royal National Mod 2019 which will open in Glasgow tomorrow evening.  Whether you visit it in the city or listen-in through radio, television, or internet, I hope it gives you pleasure and pride in this unique and precious part of Scotland’s national heritage!

Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk