Allan Campbell: Beachd Ailein – week 40

Want to read more?

We value our content  and access to our full site is  only available on subscription. Your subscription entitles you to 7-day-a-week access to our website, plus a full digital copy of that week’s paper to read on your pc/mac or mobile device In addition your subscription includes access to digital archive copies from 2006 onwards

Already a subscriber?

 

Subscribe Now

Tha mise agus iomadh neach eile air a bhith a’ sgrìobhadh bho chionn bhliadhnaichean mun dùbhlan a th’ aig Comhairlean na dùthcha ann a bhith a’ feuchainn ris na rathaidean a chumail air dòigh. Cha leig duine leas astar mòr a shiubhal gus tuigsinn nach eil a’ dol leotha leis an iomairt sin agus tha e fior a ràdh gum bheil cuid de rathaidean mar gum biodh duine a falbh sa chladach!  Mar as fhaide a thèid neach chun an iomaill ‘s ann as miosa a tha cùisean a’ dol, agus ged a thuigear ann an dòigh gum bheil èiginn ann na prìomh shlighean a chumail aig ìre, tha argamaid eile ann gum bheil coimhearsnachdan an iomaill gu tur an eisimeil nan slighean thuca is bhuapa cuideachd. Ach dè ‘s urrainn dha na Comhairlean a dhèanamh is na sporain aca gam fàsgadh bliadhna an dèidh bliadhna, cha ghabh obair-càraidh rathaidean na gu dearbh obair-leasachaidh sam bith cumail a’ dol gun mhaoin. Aig coinneamh de Chomataidh Eaconamaidh agus Cheangalan Dùthchail Phàrlamaid na h-Alba air an t-seachdain seo chaidh thuirt eòlaichean gum bheil suidheachadh càradh rathaidean na dùthcha aig ìre èiginneach agus gum feumar dòigh a lorg gus tuilleadh ionmhais a chur ris. ‘S ann an cois na fianais sin a nochd molaidhean bho dhithis de na proifeiseantaich a bha an làthair gum bu choir beachdachadh air cìs a chur air carbadan a rèir an astair a bhios iad a’ siubhal. Bhiodh seo car mar a tha cuid de dh’àrachas  chàraichean air obrachadh.

Gu h-iongantach, aig àm sgrìobhaidh seo co-dhiù, chan eil mi air an seòrsa tuil ghearan ris am bithinn an dùil a chluinntinn! ‘S neònach gum bheil raon eile de choimhearsnachd Bhreatainn a tha fulang an ìre de pheanas chìsean de gach seòrsa ‘s a tha luchd-cleachdaidh charbadan. Eadar cosgais connaidh, VAT air a h-uile dad co-cheangailte ris an inneal, àrachas, agus cìs rathaid, tha luchd nan carbadan a’ giùlan eallach chosgaisean agus cha b’ iongnadh ged a bhiodh iad a’ sùileachadh gun d’ rachadh co-dhiù pàirt de na cìsean sin a chomharrachadh gus na rathaidean a ghleidheadh ann an staid rianail. Cò chuireadh coire orra uile seasamh an aghaidh cìs a bharrachd mar a thathas a’ moladh? Chan e sin a-mhàin ach feumar faighneachd ciamar a ghabhadh leithid de chìs obrachadh, ciamar a bhithte dol a thomhas ìrean siubhail charbadan fa leth? Agus le làraidhean agus bhanaichean mòra a’ dèanamh an damaist as motha air rathaidean, ach aig an aon àm deatamach ann am frithealadh gach coimhearsnachd, tha fhios gun toireadh leithid de chìs buaidh air cosgaisean bith-beò san fharsaingeachd.

Saoilidh mi fhìn gur còir a’ bheachd seo a thilgeil ann an toll air choreigin, agus tha taghadh gu leòr dhiubh air na rathaidean!

Experts may be correct in stating that Scotland’s road maintenance is at crisis point, but the suggestion that road-users should be further taxed to fund repairs seems grossly unfair given the tax burden already borne by vehicle owners.

Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk