Allan Campbell: Beachd Ailein – week 39

Want to read more?

We value our content  and access to our full site is  only available on subscription. Your subscription entitles you to 7-day-a-week access to our website, plus a full digital copy of that week’s paper to read on your pc/mac or mobile device In addition your subscription includes access to digital archive copies from 2006 onwards

Already a subscriber?

 

Subscribe Now

Tha mi a’ sgrìobhadh seo air feasgar àlainn foghair, an speure gun sgòth agus teas na grèine fhathast ri fhaireachadh. ‘S gann a ghabhas creidsinn mar a bha cùisean seachdain air ais nuair a thug earball na doininn Dorian uimhir de sgiùrsadh oirnn le uisge is gaoth nach fhacas a leithid bho chionn deagh ghreise. Thug mi iomradh air an t-seachdain a chaidh air bàrdachd a bha a’ toirt dealbh air droch aimsir a’ sgrios obair foghair, ach an t-seachdain seo bha mi ag amharc maise “gealach mhòr an abachaidh”, mar a chante rithe bho shean, agus ‘s e sealladh a th’ innte a bheir cianalas air mòran is an cuimhne a’ tilleadh gu làithean òige is càirdean is eòlaich nach eil beò. Sin mar a bha mi fhìn a’ faireachadh bho chionn beagan làithean nuair a chunnaic mi dealbh a thogadh ann am baile cruite aig àm foghair le cruachan feòir anns na h-iodhlainnean agus achannan làn adagan agus thoitean arbhair. ‘S dòcha gur e nach robh sgeul air pòlaichean a’ giùlan dealain neo loidhnichean fòn a dhùisg smuaintean air càirdeas agus coibhneas nan taighean-cèilidh nam inntinn, agus bha mi gun teagamh ag ionndrainn saoghal nach eil ann tuilleadh.

Bruadar faoin cianalais! Cha ghabh ruigheachd air saoghal a bh’ ann, agus gun teagamh bha beatha dhoirbh agus chruaidh aig daoine fiù ‘s an àm m’ òige fhìn seachdad bliadhna air ais, agus bhiodh mòran aca gu math farmadach à ìre nan sochairean agus nan goireasan a th’ againne an-diugh. Ach bha Gàidhlig bitheanta agus làidir an uairsin agus bidh mòran agaibhse, mar mise, a’ caoidh mar a lagaich suidheachadh a’ chànain agus mar a dh’atharraich cultar nan coimhearsnachdan air an robh sinn eòlach. Aig àm far am bheil sinn air starsaich Mòd Nàiseanta Rìoghail 2019 ann an Glaschu tha e iomchaidh a bhith misneachail a thaobh toradh nan iomairtean leasachaidh dhan Ghàidhlig is an treas Plana Nàiseanta Gàidhlig a-nise a’ dol an gnìomh. Mar a sgrìobh mi bho chionn seachdain tha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig na phàirt bhunaiteach de dh’fhàs agus ath-bheothachadh a’ chànain agus tha buaidh an teagaisg sin gu math follaiseach ann am farpaisean òigridh a’ Mhòid Nàiseanta, agus far am bheil sgoiltean Ghlaschu fhèin air a bhith nan eisimpleir cho misneachail chithear sin bhuapa am-bliadhna a-rithist tha mi cinnteach. Tha farpaisean ann gus am buinnig ach ‘s e pàirt air leth cudromach de fheallsanachd a tha fighte anns na Mòdan nàiseanta agus ionadail nach bi neach sam bith air a mhì-mhisneachadh agus gum faigh iad brosnachadh a thaobh an cuid cànain is cultair.

Cha robh cùisean fàbharach dha sgioba Camanachd an Òbain Disathairne seo chaidh ach cha chaill iadsan am misneachd a bharrachd agus thig cothroman eile!

Winning competitions is clearly important but win or lose Mod participants are always encouraged to maintain their interest and commitment to Gaelic language and culture. Oban Camanachd had a disappointing day last Saturday but other opportunities will come!