Beachd Ailein – 19 An Sultain 2019

Want to read more?

We value our content  and access to our full site is  only available on subscription. Your subscription entitles you to 7-day-a-week access to our website, plus a full digital copy of that week’s paper to read on your pc/mac or mobile device In addition your subscription includes access to digital archive copies from 2006 onwards

Already a subscriber?

 

Subscribe Now

Tha obair-ealain le Dòmhnall Moireach an crochadh san taigh agam a th’ air a stèidheachadh air a’ bhàrdachd aig Catrìona NicGumaraid “Cearcall mun Ghealaich”.

Bliadhna mhòr na stoirme chunnaic mi cearcall mun ghealaich ‘s dh’fhalbh na h-adagan eòrna nan sruth chun a’ chladaich. Is sheas sinn nar triùir ann, mi fhìn, mo phiuthar, is m’ athair, a’ faicinn obair ar làimhe na dheann ruith à sealladh.

Saoilidh mi gum bheil e doirbh briathran a lorg a chuireas an cèill an tàmailt agus am briseadh spioraid a tha an lùib a bhith a’ faicinn toradh do chuid spàirn ga sgrios le cumhachd droch aimsire, gun iomradh air a’ chosgais mhòr a thig an cois sin nuair a dh’fheumar biadh-sprèidh a cheannach mar gheamhrachadh.

Tha mi a’ cuimhneachadh air nàbaidh bho àm m’ òige a thòisich air obair-àitich air a’ chroit agus gu mì-fhortanach nuair a bhuain e feur airson a’ chiad turas bha fìor shamhradh fliuch ann.

Dh’fhairtlich air am feur a thiormachadh agus mu dheireadh bha e air grodadh agus cho dubh ris an todhar, agus thug nàbaidh geur “foghar nam boiteag” air saothair an duine bhochd.

‘S tric a chluinnear iomradh air maise na Gàidhealtachd ‘s nan Eileanan, agus aithne gum bheil sin pailt cho fìor ri droch latha ‘s a tha e ri latha àlainn samhraidh! Thug e toileachas mòr dhomh aithris a chluinntinn air mar a tha an ro-innleachd Gàidhlig aig VisitScotland /Alba a’ soirbheachadh is dearbhadh a’ sìor nochdadh air meud na h-ùidh a th’ aig luchd-turais far feadh an t-saoghail anns a chànan agus na dualchas.

Thug mi-fhìn bliadhnaichean a strì, gun chus adhartais, gus toirt air luchd-stiùiridh a ghnìomhachais chudromach seo luach na Gàidhlig a thuigsinn agus tha e sònraichte math seo fhaicinn a’ tachairt mu dheireadh thall. Bheir turasachd cultair agus cànain cothroman cosnaidh luachmhor ùra dha luchd-cleachdaidh Gàidhlig feadh na dùthcha, agus gu sònraichte ann an sgìrean an iomaill far am bheil Gàidhlig fhathast meadhanach làidir mar chànan làitheil.

Cuidichidh sin gus eaconamaidh nan coimhearsnachdan sin a bhrosnachadh, cosnaidhean a chruthachadh, agus daoine òga a ghleidheadh, amasan a tha deatamach dha luchd-riaghlaidh aig gach ìre. Cha bhuainear ach mar a chuirear, agus tha an seanfhacal pailt cho fìrinneach a thaobh cànain ‘s a tha e a thaobh planntrais, agus gun teagamh tha sin a’ daingneachadh cho fìor chudromach ‘s a tha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig mar phàirt den iomairt an cànan ath-bheothachadh.

Sin rud a dh’fheumas tachairt ma tha na cothroman cosnaidh a tha a’ sìor nochdadh an lùib na Gàidhlig gu bhith air an toirt gu buil mar thoradh air Achd Gàidhlig a fhuair taic thar-phàrtaidh. Sin cuideachd pàirt de dhleastanas ughdarrasan lìbhrigidh foghlaim feadh na dùthcha.

It was encouraging to hear recently of the early success of VisitScotland’s Gaelic Language Plan confirming international interest in the language.

Most importantly, this identifies significant employment opportunities for fluent Gaelic speakers and it reinforces the case for expansion of Gaelic-medium education.

Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk.