Beachd Ailein with Allan Campbell 12.09.19

Want to read more?

We value our content  and access to our full site is  only available on subscription. Your subscription entitles you to 7-day-a-week access to our website, plus a full digital copy of that week’s paper to read on your pc/mac or mobile device In addition your subscription includes access to digital archive copies from 2006 onwards

Already a subscriber?

 

Subscribe Now

Abair gun robh an t-seachdain seo chaidh dripeil ann an saoghal phoilitigs Bhreatainn, agus tuilleadh ùpraid air a bhith a’ leantainn bhon uairsin!

Chan eil e gu diofar dè cho coma ‘s a tha daoine mun chuspair, neo dè cho sgìth ‘s a tha iad air fàs air deasbad Bhrexit, bhiodh e doirbh da-rìribh gun a bhith mothachail air an othail a chunnacas mu thimcheall Westminster thar a’ chola-deug a chaidh.

Thèid seòltachd thar spionnadh a rèir an t-seanfhacail, agus thar bhliadhnaichean a-nise chualas agus chunnacas gluasadan clìceach seòlta bho gach campa ag amas air cùisean fhiaradh taobhan eadar-dhealaichte anns a’ charachd bheachd a th’ air a bhith mu thimcheall sgaradh Bhreatainn bhon Aonadh Eòrpach.

Bha e do-sheachanta gum feumadh crìoch tighinn air an deasbad agus gun d’ rachadh ceann-latha ainmeachadh, agus eadar co-dhùnadh a’ Phrìomhaire mun sin agus comas deasbaid sa Phàrlamaid ga bhacadh fad sheachdainean cha b’ iongnadh gun do theasaich cùisean am measg a’ mhòr-shluaigh, agus Bhall Pàrlamaid.

Theirear gun tèid dùthchas an aghaidh nan creag agus gun teagamh thàinig an t-àm sam feumadh Buill Pàrlamaid freagairt ris an dùbhlan a bha romhpa agus co-dhùnadh cruaidh a dhèanamh. Mar a bha riamh fìor tha sin air sgaraidhean càirdeis agus fiù ‘s theaghlaichean adhbharachadh agus tha e daonnan duilich leithid sin fhaicinn, ach tha e ceart is cothrom gum bitheamaid a’ sùileachadh gluasad cogaiseach bho Bhuill thaghte airson an fheum as fheàrr dhan Rìoghachd.

Ann am beachd chuid tha feadhainn a th’ ann an cumhachd gan cleas fhèin leis gum bheil beartas pearsanta a’ ciallachadh nach eil sgaradh bhon Aonadh Eòrpach gun aonta dol a chur dragh sam bith orra. Ach tha seanfhacal eile a’ rabhadh gur ann an uair as fheàrr a’ chluich as fheàrr sgur.

Bithear an dòchas gur e sin a thachras agus gum faigh sinn iomairt air adhart le aonta, agus rian.

Seachd bliadhna fichead air ais dh’fhoillsich CnaG sgrùdadh air cor na Gàidhlig fon ainm “Thèid dùthchas an aghaidh nan creag”. An sin rinn an t-Oll Coinneach MacFhionghain mìneachadh air buaidh dà chogadh mòr, agus laigse eaconamaidh nan sgìrean sam bu làidire a’ Ghàidhlig, air leantainneachd a’ chànain. Mar a sheall caochladh rannsachaidhean, ged a bha cuid air cùl a chur rin dualchas cha b’ e sin ‘s dòcha am prìomh adhbhar a dh’fhàg gun robh a’ Ghàidhlig ann an gàbhadh cho mòr agus bha e deatamach gun cuirte spionnadh cruaidh ri obair-misneachaidh, agus leasachaidh, ma bha an suidheachadh gu bhith air a thilleadh.

Bhon uairsin thug mòran spàirn tionndadh beag air cùisean ach tha uamhas ri dhèanamh fhathast, agus bhiodh e draghail smaoineachadh gum biodh leithid Comhairle na Gàidhealtachd a’ lagachadh a chuid taice agus creideis anns a’ bhogadh bhuannachdail a tha Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig air a dhearbhadh.

Total immersion is a proven method of growing language fluency and it is immensely important for the revitalisation of Gaelic that authorities such as Highland Council maintain their commitment to Gaelic-medium education.

Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk