Beachd Ailein with Allan Campbell 22.08.19

Want to read more?

We value our content  and access to our full site is  only available on subscription. Your subscription entitles you to 7-day-a-week access to our website, plus a full digital copy of that week’s paper to read on your pc/mac or mobile device In addition your subscription includes access to digital archive copies from 2006 onwards

Already a subscriber?

 

Subscribe Now

Anns an fharsaingeachd tha mi a’ creidsinn nach eil muinntir Bhatairsteinn an Eilean Sgitheanaich idir air spiorad aoigheil dualach nan Gàidheal a thrèigsinn, ach tuigidh mi carson a tha cuid aca air an leamhachadh le truimead trafaig chun na h-ìre ‘s gum bheil iad a’ moladh còmhdhail luchd-turais a bhacadh gu h-iomlan bhon rathad aon-fhìllte a tha a’ ruith tron bhaile aca.

‘S i an trioblaid gur e sin an aon slighe rathaid a dh’ionnsaigh na h-Eist, rubha eireachdail aonranach air taobh an iar an Eilein le taigh-solais ainmeil agus seallaidhean air bearraidhean iargalta leithid An t-Àigeach, Am Bioda Mòr, is Bioda an Adhair. Sgìre a bha ainmeil riamh airson iasgach le sruthan bras a’ Chuain Sgìth a’ coinneachadh agus a’ snìomh nan cuairt-shruth, is à sin a’ ruith an ear-dheas is an uairsin tuath gu ruige Caolas Shlèite, Caol Reatha, agus a dh’ionnsaigh Caol Loch Aillse.

Chan eil mi cinnteach cuin a dh’fhàs Rubha na h-Eist cho tarraingeach dha luchd-turais ach gu cinnteach tha e a-nise aig ìre fear de phrìomh làraich tadhail an Eilean Sgitheanaich a dh’aindeoin ‘s gum bheil suas ri deich mìle de rathad cumhang aon-fhìllte thuige bho dh’fhàgas tu Dùn Bheagain. Tha a’ mhòr-chuid de shluagh na Gàidhealtachd is nan Eilean glè thuigseach air cho luachmhor agus a tha gnìomhachas turasachd air fàs dha eaconamaidh na sgìre, is e a’ lìonadh nam beàrnan a tha lughdachadh ann an cosnaidhean eile a’ fàgail ann am beòshlaint nan daoine.

Ach tha barrachd aire a-nise ga thoirt air cho beag ullachaidh ‘s a tha ga dhèanamh ma choinneamh nan àireamhan luchd-turais a tha a’ tighinn dhan sgìre. Mar a tha an seanfhacal ag ràdh, cha ghabh an soitheach Gàidhealach ach a làn, agus tha fianais làidir air feadh mòran de cheann a tuath na dùthcha a-nise nach eil cuid de na rathaidean agus seirbheisean aiseig air chomas dèiligeadh ri meud na bheil a’ tadhal ann.

Aig an aon àm tha gainnead ionmhais na roinne poblaich a’ fàgail fiù ‘s goireasan thaighean-beaga a’ dùnadh, agus pàircean-charbadan a’ fàs nas daoire. Fàilte chun na Gàidhealtachd!

Às aonais gnìomhachas eile air fàire a ghabhadh àite na tha an sgìre a’ cosnadh bho thurasachd, saoil nach eil e air leth èiginneach gun d’ rachadh innleachd choileanta a dheasachadh air mar a ghabhas an obair seo a frithealadh anns na bliadhnaichean romhainn.

Chan iongnadh sam bith cuid a bhith cantainn gur fhada bhon a bha còir leithid de phlana a bhith ann agus gun robhas a’ margaideachd na sgìre gun diù ga thoirt air ìre agus comas nan goireasan a bh’ innte, agus cuideachd feumalachdan agus còraichean an t-sluaigh a tha còmhnaidh an sin. Feumar sluagh a ghleidheadh san sgìre oir cha bhi aoigheachd Ghàidhealach buan gun Ghàidheil!

Exponential growth in tourism requires a detailed strategy for provision and maintenance of roads, ferry services and support facilities. Such a plan must also recognise and protect the interests of local communities, to enable and maintain a traditional Highland welcome.

Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk

Read more about: