Allan Campbell: Beachd Ailein 11.7.19

Want to read more?

We value our content  and access to our full site is  only available on subscription. Your subscription entitles you to 7-day-a-week access to our website, plus a full digital copy of that week’s paper to read on your pc/mac or mobile device In addition your subscription includes access to digital archive copies from 2006 onwards

Already a subscriber?

 

Subscribe Now

‘S e pàirt den trioblaid le àilleachd chinn a tuath Alba gum bheil luchd-turais glè thric air am beò-ghlacadh leis na seallaidhean chun na h-ìre ‘s nach eil an aire cho dlùth ’s as còir air an rathad-mhòr! Theagamh gum bheil seo aig amannan cuideachd fìor fiù ’s dha muinntir an àite, ach tha e gu sònraichte na chunnart dha coigrich bho thall thairis agus à Breatann a tha a’ tadhal agus a’ siubhal na Gàidhealtachd agus nan Eileanan.  A’ cur ris na dùbhlain sin ‘s e fìrinn na cùise nach eil ann am mòran de na rathaidean aon-fhillte air am bheil na daoine sin a’ siubhal ach seann shlighean-cartach a chaidh a leasachadh le teàrr agus beagan cloiche thar na linntean mar a bha àireamhan agus cuideam charbadan a’ dol am meud! Tha sin a’ fàgail mòran aca cumhang, lùbach, agus gu tur mì-fhreagarrach airson astar, ach chan eil tòrr de na tha gan siubhal a’ tuigsinn sin!

Mar a tha tubaistean a’ dearbhadh chan iad coigrich a-mhàin a tha rin coireachadh airson a bhith ri dràibheadh gu mì-chùramach ach ‘s dòcha gur e ladarnas an eòlais air an t-slighe a tha ag adhbharachadh mar a tha a’ tachairt ro bhitheanta dha muinntir na dùthcha seo fhèin. Aig an aon àm feumar aideachadh gum bheil ceistean mòra gun fhreagairt a thaobh ‘s mar a tha sgilean agus comasan dhràibhearan ag atharrachadh thar bhliadhnaichean, ‘s gun sgrùdadh sam bith ga dhèanamh orra fon lagh. Saoilidh mise gum bheil seo ceàrr agus far am bheil trafaig a’ sìor fhàs gach bliadhna, agus cumhachd charbadan cuideachd a’ dol am meud, nach bu chòir measadh do-sheachanta a bhith air gach dràibhear càr gach còig bliadhna. Tha sgrùdadh mar-thà air dràibhearan charbadan troma, carson a bhiodh càch eadar-dhealaichte is uidheaman pailt cho cunnartach fon smachd!

Air ais chun luchd-turais agus na cunnartan a tha romhpa, agus a bhios iad fhèin glè thric ag adhbharachadh. Bidh deagh fhios agaibhse a th’ air dràibheadh air taobh deas an rathaid is sibh thall thairis cho furasta ‘s a tha e dìochuimhneachadh sin a dhèanamh agus cho nàdarra ‘s a tha e gluasad chun na làimhe clì ris am bheil sibh cho cleachdte. Gu deimhinnte ‘s e dìochuimhn’ den t-seòrsa sin as màthair-adhbhar dha iomadach tubaist sgriosail. Mo mhìle beannachd air an iomairt as ùire gus an cunnart seo a chumail fo aire choigreach, agus gu sònraichte ann an carbadan a thèid a ghabhail air mhàl. Ged a tha cuid de na buidhnean a tha a’ toirt càraichean air mhàl a’ foillseachadh cuimhneachan den t-seòrsa anns a h-uile carbad a th’ aca, nach bu chòir sin a bhith mar fhiachaibh orra uile? Cha chosgadh e mòran agus dh’fhaodadh e iomadach beatha a ghleidheadh!

INCREASED TRAFFIC is a downside of tourism and the challenges of driving on the left, single-track road protocols, and passing places, are recipes for frustration and danger. Initiatives to remind all motorists of these disciplines and dangers must be applauded!

Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk