Allan Campbell: Beachd Ailein 4.7.19

Want to read more?

We value our content  and access to our full site is  only available on subscription. Your subscription entitles you to 7-day-a-week access to our website, plus a full digital copy of that week’s paper to read on your pc/mac or mobile device In addition your subscription includes access to digital archive copies from 2006 onwards

Already a subscriber?

 

Subscribe Now

Chan eil dad cho furasta neo cho bitheanta ri bhith a’ gearan ach tha làn-chòir againn gearan a dhèanamh nuair a chì sinn rudan a’ tachairt nach eil ceart, neo a tha dol a thoirt droch bhuaidh. Theagamh gum bheil daoine ris am bheil e an urra planaichean de shèorsa sam bith a dheasachadh nas buailtiche a bhith a’ fulang corraich a’ mhòr-shluaigh bho àm gu àm.
Tuigear seo leis gum bheil na co-dhùnaidhean aca, agus chan eil e gu diofar dè cho mionaideach is a thrusas iad beachdan na coimhearsnachd, dol a bhith an aghaidh rùn chuideigin. Ach ann an saoghal deamocratach ‘s e beachd nam mòr-chuid as còir a bhith a’ riaghladh ach far am bheil an sluagh sgarta glè fhaisg air leth mar leth tha sin ag adhbharachadh trioblaidean den t-seòrsa a tha sinn air fhaicinn le Brexit.

‘S e mo bheachd fhìn gum bheil na gearanan a nochdas bho àm gu àm a thaobh cheadan-dealbhachaidh thogalaichean de gach seòrsa feadh na dùthcha na chomharra air fòtasan anns an lagh seach ‘s dòcha dìth aire neo tuigse aig an luchd-dealbhachaidh. Carson mar eisimpleir a dh’fhaodas buidhnean ceudan de thaighean a thogail air làrach ùr gun e bhith mar fhiachaibh orra goireasan coimhearsnachd a stèidheachadh leithid bùithtean, talla-coimhearsnachd, raon-spòrs, agus fiù ’s sgoil. Nan robh sin mar phàirt de lagh-dealbhachaidh cha bhiodh uimhir de dhuilgheadas aig cuid de Chomhairlean a’ feuchainn ri sgoiltean a mhaoineachadh.

Ach tha trioblaid eile ro bhitheanta cuideachd agus sin buaidh ath-thagradh a dh’fhaodas neach neo buidheann a dhèanamh chun an Riaghaltais ma tha iarrtas cead-dealbhachaidh air a dhol nan aghaidh. Glè thric tha buill comataidh dealbhachaidh na Comhairle ionadail air an tagradh a dhiùltadh ri linn ‘s gum bheil iad mothachail air beachd làidir na coimhearsnachd a thaobh na ceiste, agus chanadh tu gum bheil sin ceart is iomchaidh. Cha b’ iongnadh ma-thà mòran ann an Cataibh a bhith glè thàmailteach agus feargach far am bheil Riaghaltas na h-Alba air cead a thoirt dha companaidh eadar-nàiseanta 21 crann-gaoithe a thogail faisg air Meadhrath seachd bliadhna an dèidh dhan a’ chiad tagradh a bhith air a dhiùltadh le Comhairle na Gàidhealtachd. Chuir mìle gu leth de mhuinntir na sgìre, SNH, Urras Iain Muir, agus Comhairle na Gàidhealtachd an aghaidh an tagraidh, ach an dèidh dà sgrùdadh poblach ionadail cho-dhùin an Riaghaltas a leigeil air adhart agus tha cuid a’ faicinn seo mar amasan nàiseanta gan sparradh air coimhearsnachd dhùthchail. Thig beagan buannachd eaconamach dhan sgìre gun teagamh ach cha bhi an sealladh tuilleadh mar a bha!

Planning officials probably attract more criticism than many other professions because of the very visible and lasting impact their decisions have on communities. One can understand the frustration of all who opposed the Lime Kiln wind-farm development in Sutherland when after seven years Scottish Government approved planning consent, overturning Highland Council’s original refusal of the application and also a Scottish Government rejection following a local enquiry in 2015.

Ailean Caimbeul
(Allan Campbell)
ailean@obantimes.co.uk