Allan Campbell: Beachd Ailein 13.6.19

Want to read more?

We value our content  and access to our full site is  only available on subscription. Your subscription entitles you to 7-day-a-week access to our website, plus a full digital copy of that week’s paper to read on your pc/mac or mobile device In addition your subscription includes access to digital archive copies from 2006 onwards

Already a subscriber?

 

Subscribe Now

B’ e gun teagamh seallaidhean tiamhaidh a chunnacas air tràighean Normandy air an t-seachdain seo chaidh is ceann-bliadhna sònraichte dha D-day ga comharrachadh. Seann daoine ag iarraidh an leisgeul a ghabhail, is deòir nan sùilean a’ cuimhneachadh air eòlaich a chailleadh seachdad is còig bliadhna air ais. Seallaidhean oillteil a’ bhlàir a’ lasadh às ùr nan inntinn mar throm-laighe oidhche gun chadal, agus taibhsean chompanaich is nàimhdean a’ caismeachd tron cuimhne le glaodh bhuilean bàis na cho-sheirm aingidh dha tàirneanach ghunnaichean mòra. Cha tuig e da-rìribh ach an neach a bha thall ‘s a chunnaic! Chan eil mòran dhiubh air fhàgail a-nise agus chan iongnadh gum bithte a’ comharrachadh an tachartais cuimhneachaidh seo mar ‘s dòcha am fear mu dheireadh aig am bi gin de na seann eòlaich sin an làthair. Rinn ceannardan-stàite òraidean a bha a’ feuchainn ri buidheachas sluaigh an latha an-diugh a chur ann am briathran onarach fosgarra, ach saoilidh mise gum bheil rudeigin neo-tharbhach leibideach mun taing a bheirear dha na mairbh agus nach cluinn iad gu sìorraidh. “Cha ghaisgeach mise idir” arsa aon seann laoch, “tha na gaisgich uile marbh!” Chan aontaich mi fhìn ri sin, ach feumar cuimhneachadh nach robh a’ mhòr-chuid de na feachdan a bha an sàs air gach taobh aig Normandy agus fad an Dàrna Cogaidh idir ann le deòin, ach air sgàth ‘s gun deach an òrdachadh ann. Ach a dh’aindeoin miann iomadach duine òg a bhith an àite eile air an latha ud, bhiodh uabhas an t-suidheachaidh a’ dubhadh gach nì à inntinn ach e fhèin a dhìon agus buaidh a thoirt air nàmhaid nach b’ aithne dha. Dhùisg cùis-uabhais fhuilteach thràighean Normandy dìoghras air gach taobh de chath D-day agus na lean, agus nochd gaisgeachd à eagal agus fearg!

Chualas cuid ag argamaid nach còir leithid de chuimhneachain a chumail tuilleadh, agus gur fheàrr eachdraidh fhàgail às ar dèidh is cuimseachadh romhainn. Ged nach eil duine nach aontaicheadh gum bheil comharrachadh na slighe romhainn cudromach agus iomchaidh, chan eil teagamh agamsa nach còir urram cuimhne a thoirt dha na h-uile a dh’eug ri uchd-bualaidh bhlàran a dh’adhbharaich sannt is amaideas chuid eile. Bidh e na dhòchas gun toir na dh’ìobair iadsan na mheadhan air tùr agus sìth a bhuinnig uaireigin!

Tha gaisge cuideachd follaiseach ann an diongmhaltachd chuid a thaobh chòraichean an cuid choimhearsnachdan, agus chaill saoghal na Gàidhlig dithis ghaisgeach bho chionn ghoirid a choisinn urram dhan chànan is a dualchas. Dh’fhàg bàs an Dotair Iain MacAonghais beàrn do-chreidsinneach ann an eòlas na Gàidhlig, agus rinn Donnchadh MacGuaire nach maireann spàirn da-rìreabh a thaobh foghlam a’ chànain.  Bidh sinn gan ionndrainn le spèis!

Millions of words generated by D-day commemorations, but the millions who died in wars never hear our thanks!

Gaeldom is mourning two of its champions. Doctor John MacInnes was a leading authority on Gaelic language and culture, and the late Duncan MacQuarrie, MBE, was a tireless and effective campaigner for Gaelic education.  We remember them both with pride!

Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk