Allan Campbell: Beachd Ailein – 6.6.19

Want to read more?

We value our content  and access to our full site is  only available on subscription. Your subscription entitles you to 7-day-a-week access to our website, plus a full digital copy of that week’s paper to read on your pc/mac or mobile device In addition your subscription includes access to digital archive copies from 2006 onwards

Already a subscriber?

 

Subscribe Now

Ged nach eil a choltas san aimsir tha tòiseach an t-samhraidh air tighinn agus mar-thà tha na rathaidean nan cuis uamhais le trafaig! Saoilidh mi gum bheil cha mhòr an aon truimead trafaig ann fad na bliadhna a-nise, ach a-mhàin ‘s dòcha nach eil uimhir de bhanaichean-campachaidh rim faicinn sa gheamhradh. ‘S e deagh innleachd margaideachd a bh’ ann an cearcall slighe bho Inbhir Nis mu thimcheall cheann a tuath Alba a chomharrachadh mar an NC500, ach co-fhaireachadh dhan fheadhainn anns na coimhearsnachdan an cois an rathaid sin a tha a’ fulang bacaidh na lùib ri linn lìonmhorachd charbadan a’ siubhal na slighe. Agus tha fianais ann gum bheil seo a’ tachairt an ìre mhath fad na bliadhna! ‘S fhada bhon a bha mi fhìn ag argamaid gur e gnìomhachas turasachd fear de na nàimhdean a bu mhotha a bh’ aig dualchas agus cànan. Bha sin mun do thuig mi gur sinn fhìn mar Ghàidheil aig am bheil an dleastanas ar dìleab dualchais a ghleidheadh beò, chan eil luchd-turais a’ goid seo bhuainn idir, gu dearbh ‘s ann a tha cothrom againn fiosrachadh ma dheidhinn agus eòlas air a roinn leotha! Nach math a bhith a’ faicinn barrachd den sin a’ tachairt a-nise, agus tha tuilleadh a dhìth fhad ’s a tha an cothrom ann!

Ach le naidheachdan air fàs mu na h-àireamhan a tha a’ siubhal gu tuath is dhan iar gach bliadhna, agus fiù ’s le fios nach robh cuid oidhche ri lorg ann an Inbhir Nis air an deireadh seachdain seo chaidh,  chan iongnadh cuid faighneachd am bheil an gnìomhachas seo na chron dhan Ghàidhealtachd. Theagamh gun can cuid gum bheil sin air tachairt mar-thà agus gur còir sgur a bhith a’ sanasachd na sgìre, ach tha gnìomhachas na h-aòigheachd cho gionach ris a’ chòrr agus ma thèid aca air ceudan de notaichean iarraidh air leabaidh is bracaist airson aon oidhche,  a rèir choltais cha till aghaidh iad! Tha fios cuideachd gum bheil mòran chothroman cosnaidh an lùib na h-obrach seo agus ged is dòcha nach i an cosnadh as fheàrr a phàigheas, far nach eil cus eile ri lorg bidh daoine taingeil air a son.

A’ siubhal tro Sgonnsair ann an sreang fhada de charbadan air an t-seachdain seo chaidh chunnaic mi croitear na sheasamh air fàl an rathaid is uan marbh aig a chasan. Bha mi a’ beachdachadh air an t-saothair agus a’ chosgais a thug am beathach sin dhan t-saoghal, agus an call a bha an duine sin a’ fulang is càr air am beathach a mharbhadh.  Gun teagamh ‘s e companas anshocair a tha eadar turasachd agus croitearachd aig amannan!

Evidence of ever-increasing numbers of visitor to the Highlands and Islands is leading some people to ask whether tourism might now be damaging to the area. While it has become a major employer and economic generator, perhaps the hospitality industry requires to integrate more with the culture and traditions of the area to sustain community equilibrium.

Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk