Allan Campbell: Beachd Ailein – 30.5.19

Want to read more?

We value our content  and access to our full site is  only available on subscription. Your subscription entitles you to 7-day-a-week access to our website, plus a full digital copy of that week’s paper to read on your pc/mac or mobile device In addition your subscription includes access to digital archive copies from 2006 onwards

Already a subscriber?

 

Subscribe Now

Rud nach eil, ‘s nach robh, ‘s nach bi, sìn a-mach do làmh is chì! An aithne dhuibhse an tòimhseachan sin a bhithinn-sa a’ cluinntinn nam òige, agus am bheil am freagairt agaibh? Uill nuair a shìneas tu do làmh a-mach chì thu nach eil gin de do chorragan an aon fhaid, agus sin dìreach mar a tha colainn mhic an duine san àbhaist. Briathran a’ cur nar cuimhne gum bheil cuid a rudan nach eil ag atharrachadh ged a dh’atharraicheas an saoghal mun timcheall. Bha mi a’ beachdachadh air sin bho chionn ghoirid is mi a’ leughadh agus ag èisteachd a-rithist ri dòrainn bhuidhnean poblach is iad a’ feuchainn ris an tuilleadh caomhnaidh a dhèanamh nan cuid bhuidseatan. Gu deimhinne chan eil farmad agam ris na h-oifigich agus ri buill chomhairlean agus bhùird-stiùiridh air am bheil leithid de dh’uallach a’ tuiteam bliadhna às dèidh bliadhna. Mar a tha mi air a ràdh an seo roimhe tha ciall ag innse gun tig àm far nach gabh an còrr gearraidh a dhèanamh gun chron agus lùghdachadh air seirbheisean. Tuigear carson a bhiodh buidhnean poblach fo ìmpidh cumail a-mach gum bheil leasachaidhean èifeachdais nan dòighean lìbhrigidh a’ ciallachadh nach eil seirbheisean a’ fulang, ach saoilidh mise gum bheil leithid sin de dh’argamaid bhon riaghaltas agus bhon cuid sheirbheisich a’ sìor fhàs tana.

Mar eisimpleir cha ghabh àicheadh nach eil euslaintich anns na h-eileanan an-diugh pailt cho èiseil ‘s a bha feadhainn air an robh an aon trioblaid bliadhnaichean air ais, agus ma bhathas ag aithneachadh gun robh e iomchaidh agus reusanta gum biodh taic coimheadachd aca nam feumadh iad siubhal gu ospadal air tìr-mòr an uairsin ciamar as urrainnear argamaid nach eil an aon rud fìor an-diugh! Chosg an taic sin còrr air £31 millean dha seirbheis slàinte nan Eileanan Siar thar nan deich bliadhna mu dheireadh, ach saoilidh mise gur e dleastanas a tha sin nach gabh seachnadh mur eil an riaghaltas ag aideachadh gum bheil cùisean a’ dol air ais! Agus ‘s e mo bheachd gum bheil an aon rud fìor a thaobh taice foghlaim ann an sgoiltean Chomhairle na Gàidhealtachd. Ciamar as urrainnear a ràdh nach eil feum a-nise air luchd-taice ma bha seirbheis an fhoghlaim den bheachd fad bhliadhnaichean gun robh leithid sin iomchaidh ann a bhith a’ coileanadh an cuid dleastanais dhan chloinn a tha an urra riutha? Ma tha feum aig an aon seòrsa àireamhan chloinne air taic agus nach eil sin gu bhith ann dhaibh tha fhios gum bheil an t-seirbheis a’ dol bhuaithe!

Some things never change!  This everyday expression is increasingly challenged by apparently never-ending public sector budgetary cuts. If it was previously deemed appropriate to escort patients travelling from the Western Isles to mainland hospitals for treatment how can this now be considered less necessary? Equally, when there have always been some children requiring extra support with their educational development cutting support staff posts in Highland Council schools, or elsewhere, seems a retrograde step.

Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk

Read more about: