Allan Campbell: Beachd Ailein – 9.5.19

Want to read more?

We value our content  and access to our full site is  only available on subscription. Your subscription entitles you to 7-day-a-week access to our website, plus a full digital copy of that week’s paper to read on your pc/mac or mobile device In addition your subscription includes access to digital archive copies from 2006 onwards

Already a subscriber?

 

Subscribe Now

Nach tric a chluinnear gur e ùine fhada a th’ ann an seachdain ann an saoghal phoilitigs. Cluinnear bitheanta cuideachd mun chumhachd a th’ againn mar mhòr-shluagh nuair a thèid sinn còmhla ann an iomairt sam bith. Cola-deug air ais bha mi a’ sgrìobhadh an seo mun fhianais a bha XR (Extinction Rebellion) a’ dèanamh agus iad ag amas air aimhreit a sheachnadh fhad ’s a bha iad a’ cur bacadh air gluasad sluaigh, trafaig, agus gnìomhachas bhailtean mòra gus aire an t-saoghail a thoirt gu suidheachadh èiginneach bhlàthachadh na cruinne. Am beachd  chuid tha an iomairt a tha leithid na caileige Suainich Greta Thunberg a’ dèanamh, ‘s gun i ach sia bliadhna deug, a’ tòiseachadh ri dùthchannan a mhasladh gus gluasad nas sgiobalta le iomairtean dìon dhan àrainneachd. Aig deireadh cùise ‘s coma dè bheir buaidh air riaghaltasan fa leth, ‘s e gun gluais iad a tha cudromach agus taitneach dha leithid XR agus bidh an gluasad sin a’ dearbhadh fìrinn an t-seanfhacail, “ceilidh ciall masladh”.

Nuair a bha mi a’ beachdachadh air a’ cheist seo roimhe thog mi ceist mun t-seòrsa buaidh a dh’fhaodadh grad-atharrachadh air poileasaidhean a thaobh dìon stòras na cruinne a thoirt air coimhearsnachdan air iomaill na dùthcha, far nach eil cus roghainn a thaobh a’ mhòr-chuid de sheirbheisean agus shochairean.  Mar eisimpleir ciamar a ghabhadh dìon a chumail air gnìomhachas luachmhor turasachd nam biodh connadh chàraichean is eile a’ fàs tuilleadh is daor buileach? Tha XR air trì dùbhlain a chur ma choinneamh riaghaltasan an t-saoghail; aideachadh gum bheil suidheachadh èiginneach ann a thaobh blàthachadh na cruinne; stad a chur air gasaichean truaillidh na h-àrainneachd ro 2025; agus gun stèidhich riaghaltasan Còmhdhail Sluaigh gus na h-innleachdan leasachaidh aca a chomhairleachadh is a stiùireadh.

Diardaoin seo chaidh dh’aontaich Pàrlamaid Bhreatainn gum bheil blàthachadh na cruinne na shuidheachadh èiginn is gum bheil coileanadh amasan dìon na h-àrainneachd deatamach. Chaidh cinn-uidhe leasachaidh ùr a chur air Alba, agus ann an òraid aig Co-labhairt Bhliadhnail a’ Phàrtaidh Nàiseanta thuirt Nicola Sturgeon cuideachd gum bheil suidheachadh blàthachadh na cruinne èiginneach agus gheall i gun dèan Alba dìcheall gus a dhleastanas leasachaidh a choileanadh. Thuirt Prìomh Mhinistear Alba cuideachd gum bheil Alba air toiseach air a’ mhòr-chuid de dhùthchannan an t-saoghail ann a bhith a’ cur an gnìomh phoileasaidhean gus lughdachadh air gasaichean millteach, agus nan gabhadh stad a chur orra sin buileach ro 2050 gun dèante sin.

Dùbhlain bho XR gan coinneachadh gu ìre?  Theagamh, agus mar-thà trioblaid aig an Riaghaltas an Dùn Èideann le mar a dh’fhaodadh amasan cruaidhe ùra a dhol calg-dhìreach an aghaidh leithid lùghdachadh a bha nam beachd air cìsean siubhail air plèanaichean! Cha ghabh a h-uile ceist riarachadh ann an seachdain dhripeil phoilitigs!

Have Extinction Rebellion’s three challenges to world leaders been acknowledged in Scotland with the First Minister declaring a “climate emergency” and possibly accelerated Scottish Government targets to arrest climate change? There is no doubt that this is an increasingly important issue for the electorate.

Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk