Beachd Ailein with Allan Campbell 02.05.19

Want to read more?

We value our content  and access to our full site is  only available on subscription. Your subscription entitles you to 7-day-a-week access to our website, plus a full digital copy of that week’s paper to read on your pc/mac or mobile device In addition your subscription includes access to digital archive copies from 2006 onwards

Already a subscriber?

 

Subscribe Now

Bha e na thoileachas dhòmhsa Diardaoin seo chaidh a bhith an làthair ann an talla Taigh-Baile Inbhir Nis, aitreabh eireachdail agus eachdraidheil, aig tachartas a bha ann fhèin eachdraidheil agus misneachail cuideachd!   B’ e an tachartas sin cur air bhog oifigeil air an nobhail ùr Còig Duilleagan na Seamraig a choisinn duais Dhòmhnaill Meek 2018 dhan ùghdar Ruairidh MacIllEathain.

A dh’aindeoin na tha sinn a’ faicinn de leasachadh ann an Gàidhlig tha àireamhan luchd-labhairt fhathast beag agus tha àireamhan luchd-leughaidh nas lugha buileach. Le feum air fàs anns an taghadh leabhraichean aig gach ìre comais gus barrachd leughaidh ann an Gàidhlig a bhrosnachadh, tha a’ bhuidheann-foillseachaidh Clàr, a dh’fhoillsich Còig Duilleagan na Seamraig le taic bho Chomhairle nan Leabhraichean, glè chudromach dhan chànan. Nuair a chomharraich Comhairle nan Leabhraichean, ann an 2018, gun robh a’ bhuidheann air a bhith dol leth-cheud bliadhna bha aithne ann gum b’ e stèidheachadh na buidhne fear de na ceumannan a bu chudromaiche a ghabh àite dhan Ghàidhlig anns an linn a chaidh. ‘S iomadh sgrìobhadh luachmhor Gàidhlig nach robh air a bhith riamh an clò mura b’ e na rinn Comhairle nan Leabhraichean, agus dh’iarrainn gach soirbheachadh co-ionann dhan bhuidheann tron an ath leth-cheud bliadhna!

Bha an tachartas seo eachdraidheil agus brosnachail air sgàth gun robhas a’ cur nobhail ùr ri litreachas na Gàidhlig le sgeulachd phoilitigeach suidhichte eadar 1896 agus 1922, agus a tha a’ gluasad eadar iar-thuath na Gàidhealtachd gu Èirinn, Lunnainn, agus An Fhraing. Chruthaich an t-ùghdar prìomh charactar ann an Dòmhnall MacCoinnich à Geàrrloch a tha tighinn gu bhith na fhear-dìon aig Lloyd George a tha na Phrìomhaire ro dheireadh na sgeulachd. Air 7 Sultain 1921 ri linn dhuilgheadasan phoilitigeach ann an Èirinn, ghairm am Prìomhaire coinneamh èiginn den Chaibineat, agus leis gun robh e fhèin agus uimhir eile de na buill air saor-làithean air Ghàidhealtachd chaidh a’ choinneamh ainmeil sin air adhart ann an Taigh-Baile Inbhir Nis. Le caochladh charactaran làidir tha turas an leughadair air a shnìomh tron t-strì chothrom bhòtaidh nam ban, agus an iomairt airson poblachd ann an Èireann. Aig amannan tha an sgeulachd gu math dòrainneach ach, ged is e nobhail a th’ innte, ‘s fhiach  cuimhneachadh gum bheil i stèidhichte air cùisean a thachair agus air modhan-obrach a bha àbhaisteach!

Ged nach dèanadh Còig Duilleagan na Seamraig an còrr ach gun toireadh i aire às ùr gu pàirtean gu math nàr de dh’eachdraidh  Bhreatann, bu mhath sin! Ach tha an leabhar cuideachd tlachdmhor a leughadh le measgachadh de ghaol, de ghràin, is de bhròn, mar a bhithte a’ sùileachadh ann an deagh sgeul sam bith.

The 2018 Donald Meek Gaelic Book of the Year Còig Duilleagan na Seamraig was formally launched by publisher CLAR last Thursday at Inverness Town House, one of many locations between Scotland, Ireland, England, and France which feature in an entertaining and thought-provoking story set during turbulent political times between 1896 and 1922. Worth learning Gaelic to appreciate this!

Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk