Beachd Ailein with Allan Campbell 25.04.19

Want to read more?

We value our content  and access to our full site is  only available on subscription. Your subscription entitles you to 7-day-a-week access to our website, plus a full digital copy of that week’s paper to read on your pc/mac or mobile device In addition your subscription includes access to digital archive copies from 2006 onwards

Already a subscriber?

 

Subscribe Now

Aig cruinneachadh de cheannardan Dhùthchannan Aonaichte an t-saoghail anns A’ Phòlainn san Dùbhlachd seo chaidh thug Daibhidh Attenborough rabhadh cruaidh mun chunnart anns am bheil an saoghal ri linn blàthachadh na cruinne. Rud nach coisinn modh cha choisinn mì-mhodh their seanfhacal, ach tha mòran fianais ann an eachdraidh gur ann ri linn strì làidir a thachair adhartasan air iomadach suidheachadh. Mar a bhiodh dùil tha iomairt eadar-nàiseanta a-nise air ghluasad gus greasad a dhèanamh molaidhean chruinneachadh na Pòlainn a chur an gnìomh. Gu h-inntinneach tha XR (Extinction Rebellion) a tha a’ stiùireadh na h-iomairt seo air comhairleachadh gun togar an fhianais gun aimhreit, agus tha seo ag obrachadh ann a bhith a’ bacadh còmhdhail agus luchd-siubhail nam bailtean-mòra sam bheil iad ag iomairt .

An dèidh bheagan làithean san Eilean Sgitheanach, agus le fìor dheagh aimsir, cha robh a dhìth ach gairm cuthaig gus samhradh a dhèanamh dhuinn san earrach! Ach cha robh guth aice fhathast! Le margaideachd air maise na Gàidhealtachd is nan Eilean a’ tàladh sluagh gu sgìrean iomallach tha luchd-turais rim faicinn san Eilean Sgitheanach an ìre mhath fad na bliadhna a-nise.  Tha seo air leth feumail dha eaconamaidh an àite ach tha e a’ ciallachadh nach eil àm foise san Eilean mar a bha, agus nuair a tha àireamhan a ruigheachd ìre sruth tha gainne ghoireasan na thrioblaid. Bha e follaiseach air an t-seachdain seo chaidh gun robh an sruth air tòiseachadh agus ann am beachd mhuinntir an àite cha tig lasachadh air an t-suidheachadh gu fìor dheireadh an fhoghair. Chan ann a h-uile latha bhios mòd aig Mac an Tòisich agus ‘s iomadh dràibhear ann an sreath slaodach charbadan a bhios a’ gearan nach motha na sin a tha a h-uile duine air saor-làithean aig an aon àm! Dhan fheadhainn a th’ air ceann an cosnaidh agus a dh’fheumas siubhal air rathaidean a tha cha mhòr air an tachdadh tha an suidheachadh dòrainneach da-rìribh. Ged a tha Còd an Rathaid-mhòir a’ rabhadh nach còir maill a chur air carbad a tha a’ tighinn às do dhèidh chan eil cus mothachaidh air a’ mhodh sin am measg mòr-chuid de dhràibhearan, agus ciamar as fheàrr a ghabhadh an oideachadh gum bheil “passing place” a’ ciallachadh goireas airson carbadan a tha a’ siubhal leat AGUS nad aghaidh a leigeil seachad!

Nan gabhadh an riaghaltas againn comhairle XR a thaobh grad-atharrachadh air mar a tha sinn a’ caitheamh stòras na cruinne agus a’ cur ri sgrios àrainneachd an t-saoghail, theagamh gum feumadh mòran na bu lugha còmhdhail a bhith air na rathaidean airson na h-amasan leasachaidh a choileanadh. Dùbhlan sònraichte dha na sgìrean iomallach far nach eil cus roghainn, agus fìor dhroch naidheachd dha gnìomhachas turasachd a tha an urra cho mòr ri daoine a bhith a’ siubhal thugainn.

Extinction rebellion’s campaign for urgent implementation of initiatives to curb climate change is commendable, but implications for the economies and transport in peripheral areas must be carefully addressed.

Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk