Beachd Ailein with Allan Campbell 11.04.19

Want to read more?

We value our content  and access to our full site is  only available on subscription. Your subscription entitles you to 7-day-a-week access to our website, plus a full digital copy of that week’s paper to read on your pc/mac or mobile device In addition your subscription includes access to digital archive copies from 2006 onwards

Already a subscriber?

 

Subscribe Now

Bha mi a’ leughadh bho chionn ghoirid beachd air buaidh obrach Ball Pàrlamaid air an slàinte agus fear ag innse nach robh e riamh a’ faireachadh trom-uallach ged a bha an obair iarrtach.

Saoilidh mi gum bheil mi a’ tuigsinn sin da-rìribh a thaobh iarrtachais, oir an liuthad turas a thug m’ obair mise gu ruige Westminster bha mi a’ faireachadh gun robh làithean-obrach cho riaslach aig Buill Pàrlamaid ‘s a chunnaic mi an dreuchd sam bith.

Tha obair sam bith a’ ciallachadh amasan sònraichte ach saoilidh mi gum bheil barrachd “mhaighstirean” aig Buill-Pàrlamaid na th’ aig a’ mhòr-chuid. Mairidh cuid air sgàth ‘s gum bheil iad a’ riochdachadh sgìre a tha dìleas dha feallsanachd phàrtaidh phoilitigeach, seach ‘s dòcha ri linn chomasan àraid a th’ aca.

Glacaidh cuid aire cheannardan agus thèid an àrdachadh gu Caibineat, agus an sin thèid dleastanas sònraichte a thoirt dhaibh. Dleastanas glè thric air raon obrach air nach eil eòlas sam bith aca agus air nach deach iad riamh tro sgrùdadh chomais foirmeil.

Chuala mi fear uair ag ràdh gun robh e mar fheallsanachd aig an t-Seirbheis Chatharra nach bu chòir uair sam bith cuideigin le eòlas air roinn a chur innte mar mhinistear! Dh’fhàgadh sin iad a’ cur an spòig agus am beachdan far nach robh iarraidh orra seach a bhith a’ dèanamh mar a bha àrd-oifigearan na seirbheis chatharra dol a mholadh dhaibh.

Fealla-dhà! ‘S dòcha, ach chan eil teagamh nach eil ministearan riaghaltais a’ fàgail butarrais do-chreidsinneach às an dèidh bho àm gu àm, agus chan eil iad fhèin neo na h-oifigearan a tha gan stiùireadh a’ fulang peanas.

Mar eisimpleir, cò thèid a pheanasachadh airson a’ bhrathaidh mhaslaich a rinneadh air na daoine a thugadh an seo air an t-soitheach Windrush, brathadh a tha a rèir choltais dol a chosg ‘s dòcha sia ceud millean not ann an airgead dìoghlaidh?

Cò is coireach nach deach ceum a ghabhail thar faisg air ceathrad bliadhna gus seann bhàtaichean-aigeil niuclasach a bhriseadh? Tha trì-deug fo gheàrd cosgail agus dùil gun cosg iad ‘s dòcha naodh billean not an sgrios.

Ach chan eil aon neach ciontach airson leithid a mhì-rian seo, gun ghuth air a liuthad cùmhnant riaghaltais eile a tha a’ dùblachadh, is aig amannan a thrì neo a cheathramh ìre na cosgais a chaidh aontachadh romhpa.

Theagamh nach eil cus uallaich ann an obair dhripeil iarrtach bhall Pàrlamaid, ach tha fhios gum bu chòir an ìre sam bheil bho àm gu àm roinnean de Riaghaltais a dìth an seòrsa smachd ionmhais is rianachd a th’ air saoghal àbhaisteach a’ mhòr-shluaigh a bhith na uallach dhuinne uile.

When private sector contracts go over budget or are delivered late, some individual must always take responsibility.

So shouldn’t someone be accountable for such as the betrayal of Windrush immigrants which is likely to cost Britain £600 million in compensation; or for a possible £9 billion bill to decommission nuclear submarines held under costly guard for up to 40 years?

Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk