Beachd Ailein with Allan Campbell 04.04.19

Want to read more?

We value our content  and access to our full site is  only available on subscription. Your subscription entitles you to 7-day-a-week access to our website, plus a full digital copy of that week’s paper to read on your pc/mac or mobile device In addition your subscription includes access to digital archive copies from 2006 onwards

Already a subscriber?

 

Subscribe Now

Lìbhrig dihaoine seo chaidh ceann-bliadhna dhòmhsa agus do dh’iomadh neach eile ach cha robh sgeul air an sgaradh mòr Brexit a bha gu bhith an tachairt air an latha sin.

Nach dòrainneach an deasbad gun sgur agus gun cho-dhùnadh a tha sinn air a bhith a’ fulang mu Bhrexit bho nochd fios gun robh beagan is leth an t-sluaigh a chuir bhòt an reifreinn ag iarraidh sgaradh bhon Roinn Eòrpa.

Am falbh mi neo am fuirich mi, mar fhaclan an òrain aig a’ chòmhlan The Clash. Tha e follaiseach ag èisteachd ri mòran a’ bruidhinn air cùis Bhrexit gum bheil iad air sealladh a chall air cho beag ‘s a tha de dh’àireamh eadar dà thaobh na h-argamaid. Bha sin riamh a’ ciallachadh gum biodh còrdadh sam bith an urra ri conaltradh agus co-obrachadh ealanta eadar an dà thaobh. ‘S e nach do thachair sin a dh’fhàg Pàrlamaid Bhreatainn na cùis-bhùird ‘s gun buill ag amas air aontachadh air slighe sam bith a-mach às a’ bhoglaich sam bheil iad. Boglach dhan tug iad sinne uile cuide riutha.

Ged a tha am Prìomh Mhinistear air a bhith da-rìribh righinn agus dìoghrasach a’ leantainn a beachd fhèin, ‘s e cho mì-dheònach ‘s a bha i èisteachd ri daoine eile a thug cùisean chun na h-ìre aig am bheil sinn. Ghèill i le gealltainn gun leigeadh i às a dreuchd nuair a thèid aonta a ruigheachd, ach aig àm sgrìobhaidh seo chan eil ceann-latha dearbhta air a h-aon seach aon de na tachartasan sin.

Ma dh’fhalbhas mi bidh buaireas ann their an t-òran aig The Clash, agus na mo bheachd fhìn bidh ceannach gu math daor aig co-dhiù ceann a tuath na dùthcha air an sgaradh, ma thachras e. Ged nach biodh mar chuimhneachain ach a liuthad rathad agus drochaid air feadh na Gàidhealtachd is nan eileanan nach biodh idir ann as aonais calpa leasachaidh Eòrpaich.

Bidh iomadh bliadhna ann, ma thachras e idir, mu faic sinn an seòrsa taice sin ga chosg air sgìrean iomallach na dùthcha a-rithist oir ged a bhiodh rùn phoilitigeach ann chan eil na sporain phoblach comasach.

Gu cuspair nas togarraiche agus bu mhath ionnsachadh gun robh co-latha breith aig Alfred Mac a’ Ghobhainn, St Madoes, Sgìre Pheairt, agus Bod Weighton, Alton, Hampshire, Dihaoine seo chaidh cuideachd. Agus bha na ceatharnaich seo a’ comharrachadh 111 bliadhna a dh’aois.

Mo bheannachd aca! Thuirt Bob gun robh e air atharrachadh mòr fhaicinn air an t-saoghal ach gum bheil daoine an ìre mhath mar a bha. Deagh naidheachd?

While March 29 brought another birthday for me and many others, it did not deliver Britain’s divorce from the European Union, and at the time of writing the issue is still clouded in ill-tempered obfuscation.

Against such a depressing news background it was good to learn that I was sharing a birthday with Alfred Smith, St Madoes, Perthshire, and Bob Weighton, Alton, Hampshire. They were both 111 on that day. Warmest congratulations to them both.

Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk