Allan Campbell: Beachd Ailein – week 13

Want to read more?

We value our content  and access to our full site is  only available on subscription. Your subscription entitles you to 7-day-a-week access to our website, plus a full digital copy of that week’s paper to read on your pc/mac or mobile device In addition your subscription includes access to digital archive copies from 2006 onwards

Already a subscriber?

 

Subscribe Now

‘S ann le ire tàmailt a tha mi a’ tilleadh gu cuspair air am bheil mi air iomadh beachd a thoirt roimhe, ‘s e sin seirbheis ceangail fòn-làimhe feadh na dùthcha. Theagamh gun do leugh cuid agaibh, agus leis an aon leamhachadh riumsa, gum bheil Ofcom air a chuid gealltanais seirbheis a lùghdachadh is e a-nise ag amas air 74 per cent den Rìoghachd Aonaichte a fhrithealadh.  Ged nach eil am fiosrachadh ga èigheach tha amharas agam gum bheil glè fhaisg air mòr-shluagh Bhreatainn suidhichte anns an raon sin a th’ air a chomharrachadh. Tuigear mar a tha na buidhnean a tha an sàs ann an seirbheis conaltraidh a’ cuimseachadh air a’ chosnadh as motha dhaibh. Ach am bheil sin math gu leòr? Carson nach eil riaghladair leithid Ofcom a’ sireadh seirbheis conaltraidh feadh na dùthcha gu lèir seach leigeil le buannachd na roinne-prìobhaidich poileasaidh a stiùireadh?

Chan e a-mhàin a’ mhì-dhòigh a tha leithid seo de fheallsanachd a’ cur air coimhearsnachdan air na h-iomaill, tha iomadach argamaid a ghabhas cur airson goireas èifeachdach conaltraidh feadh na dùthcha. Tha ionmhas agus spàirn ga chosg a’ feuchainn ris na h-iomaill a leasachadh agus ann an saoghal an latha an-diugh tha cothrom co-luadair agus conaltraidh aithnichte mar aon de na sochairean sòisealta agus eaconamach as cudromaiche a th’ ann. Feumar cuideachd cuimhneachadh cho luachmhor ‘s a tha turasachd air fàs is ceudan mhìltean a’ siubhal nan sgìrean iomallach sin gach latha den bhliadhna, agus tha e cuideachd deatamach gum faigh seirbheisean èiginn còmhradh ri chèile agus ri luchd-stiùiridh is iad an ceann an dleastanais. Gun teagamh ‘s e dùbhlan a th’ ann seirbheis fòn a lìbhrigeadh ann an sgìrean corrach ach sin na h-àitichean as fheumaiche air a’ ghoireas agus nach bu chòir sin a bhith mar dhleastanas air Ofcom. Nach bu chòir dhan riaghaltas amas a dh’ionnsaigh co-ionannachd dhan dùthaich le seirbheis craolaidh, agus conaltraidh, a bhith air saidealan far nach dèan beinn bacadh.

An aon argamaid airson tunailean eadar eileanan seach sabaid ri sporain ghann nach tog bàtaichean, agus buaidh na h-aimsire air siubhal.

With Ofcom only committing to mobile phone coverage of 74 per cent of the UK, many fringe and rural communities will again be denied equality of provision, although a quality mobile service is arguably more important in these areas for emergency services, as well as for thousands of visitors all year round! Ultimately, national equality in communications and travel must be through satellite comms, and with tunnels replacing ferries!

Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk