Allan Campbell: Beachd Ailein – week 12

Want to read more?

We value our content  and access to our full site is  only available on subscription. Your subscription entitles you to 7-day-a-week access to our website, plus a full digital copy of that week’s paper to read on your pc/mac or mobile device In addition your subscription includes access to digital archive copies from 2006 onwards

Already a subscriber?

 

Subscribe Now

Chan fhacas a leithid riamh thar ceud is ceathrad bliadhna de dh’fharpais Cuach Chalcutta, agus ann am beachd mhòran de luchd-amhairc rugbaidh bha an geama seo cho inntinneach,  brosnachail, ri farpais eadar-nàiseanta air am bheil cuimhne! Agus mo nàire mhòr chaill mise a’ mhòr-chuid dheth! Cha b’ ann air sgàth dìth cothroim, oir cha robh dad a dhleastanas eile an urra rium nuair a bha e air an telebhisean, ‘s e bu choireach ach gun do thrèig mi an sgioba le dìth creideis annta. Thòisich mi gan coimhead ceart gu leòr ach nuair a chunnaic mi sgioba Shasainn a’ dèanamh shiobhagan den loidhne dìon aig Alba bho thoiseach cùise chuir mi mo chùl ris a’ gheama eagal ‘s gum fàgadh e airtnealach mi. Mu letheach-ùine chuala mi gun robh Alba a’ call gu dubh agus bha mi a’ faireachadh gun d’ rinn mi an co-dhùnadh ceart gun a bhith ag amharc leithid de ruaig. Ach ‘s gun ach nas lugha na deich mionaidean ri dhol chuala mi air prògram naidheachd gun robh Alba agus Sasainn gu  bhith co-ionann! Leum mi gu ciontach a choimhead, agus abair gun tug spàirn nam mionaidean mu dheireadh sin togail dhomh fiù ‘s ged nach deach aig Alba air buannachadh. Daibhidh agus Goliat a-rithist, agus dùthaich bheag a’ cumail ceann cruaidh a’ mhaide ris an nàbaidh mhòr! Abair moit!

Abair tàmailt, agus nàrachadh, dhòmhsa nach do nochd de chreideas ann an riochdairean mo dhùthcha ‘s gun robh mi deònach cumail gan coimhead agus taic a nochdadh dhaibh. Chan e leisgeul susbainteach e idir ach a rèir choltais bha mòran den aon bheachd rium fhìn nach d’ rachadh aig Alba air a’ chùis a dhèanamh air sgioba Shasainn, agus ‘s neònach mura bi daoine a’ meòrachadh fad iomadh bliadhna air dè ann an da-rìribh a chaidh a ràdh ri cluicheadairean Alba aig leth-ùine a thug a leithid de ghrad atharrachadh air an cuid cluiche agus spiorad nuair a nochd iad san dàrna leth. Gura mise a bha a’ miannachadh gun robh mi an cuideachd luchd-taice Alba aig Twickenham gus a’ ghleadhraich iongantach ud a chluinntinn beò, agus fhaireachadh.  Thug cluicheadairean Alba togail dhan dùthaich gu lèir Disathairne seo chaidh le dealas agus dìorrasachd a choisinn spèis luchd-amhairc bho gach taobh den fharpais, agus gum meal iad an naidheachd air Cuach Chalcutta a ghleidheadh ann an Alba ged nach deach aca air an geama a bhuinnig gu h-iomlan. Agus aig deireadh cùise nach bu taitneach gach sgioba fhaicinn a’ crathadh làimhe le chèile, agus càirdeas a’ leantainn beartas spàirne na farpais.

Feasgar Dhihaoine seo chaidh dh’fhàg luchd-èisteachd cèilidh bhliadhnail Chomunn Gàidhlig Inbhir Nis is iad làn molaidh air fìor dheagh chuirm, agus le mothachadh misneachail air a’ bheartas iongantach a th’ againn ann an saoghal nan ealain Ghàidhlig.

Scotland’s second-half performance in the Calcutta Cup match was truly inspirational, and both teams deserve praise not least for the pleasing example of friendly handshakes at the end of a gruelling competition!

Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk

 

Read more about: