Beachd Ailein with Allan Campbell – week 11

Want to read more?

We value our content  and access to our full site is  only available on subscription. Your subscription entitles you to 7-day-a-week access to our website, plus a full digital copy of that week’s paper to read on your pc/mac or mobile device In addition your subscription includes access to digital archive copies from 2006 onwards

Already a subscriber?

 

Subscribe Now

Air starsaich an earraich, agus tha e nàdarra dhuinn a bhith a’ dèanamh fiughair ri fàs agus beagan grèine!  Bhiodh daoine tro na linntean a’ faireachadh togail sunnd nuair a thòisicheadh an latha air sìneadh agus dorchadas geamhraidh ri dhol seachad, agus abair gun d’fhuair sinne brosnachadh spioraid fad sheachdainean Gearran neo-àbhaisteach socair, agus ann an cuid a phàirtean de dh’Alba nas blàithe na chunnacas bho chionn ùine mhòr aig an àm seo den bhliadhna. Chan eil fios agam ciamar a tha muinntir sgìrean eile den dùthaich ach gun teagamh tha Gàidheil measail air a bhith bruidhinn mun t-sìde, agus cho dubhach mu na tha an dàn!  Bhiodh mo mhàthair-cèile chòir nach maireann a’ fàidheadaireachd uisge is gaoth fiù ’s nuair a bha grian an àirde nan speuran ‘s gun sgòth air fàire! Bha dùil ri peanas dhroch aimsire a’ leantainn na gheibhte de làithean matha!

B’ e toileachas a bh ‘ann dhuinne beagan ùine fhaotainn a’ sgioblachadh mun taigh agus bha e math a bhith a-muigh ri làithean a bha cho tlachdmhor.  ‘S ann nuair a bha mi sa bhun-sgoil a dh’ionnsaich an neach-teagaisg an seanfhacal Beurla dhuinn a bha ag ràdh nan tòisicheadh Am Màrt mar leòmhann gun crìochnaicheadh e mar uan, agus ‘s dòcha ri linn mo cho-latha breith a bhith aig deireadh a’ Mhàirt cha do dhìochuimhnich mi riamh na faclan.  Theagamh nach robh a’ chiad latha den mhìos garbh am-bliadhna ach thàinig fior dhroch shìde anns a’ chiad sheachdain, agus abair gun robh sinne toilichte leis na chaidh a chur às ar dèidh de dh’ obair-gàrraidh. Ma bha sinn a’ faicinn ‘s a’ faireachadh earrach a’ boillsgeadh bho chionn seachdaine ‘s beag a tha dhen choltas sin air nuair a tha mi a’ sgrìobhadh seo is snuadh fuar geamhraidh air an talamh a-rithist, agus tuilleadh den t-seòrsa aimsire chaochlaidich sin ga gealltainn. Gun teagamh thig atharrachadh gu math sgiobalta agus nì beagan làithean tiormachd feum mòr ann a bhith deasachadh airson àm cura, agus nam biomaid dol a ghabhail stiùireadh bho eòlas ar sinnsirean tha an seanfhacal acasan ag innse dhuinn “am fear nach cuir sa Mhàrt cha bhuain e as t-Fhoghar”.

Mar a tha sinn cho mothachail, tha deireadh a’ Mhàirt am-bliadhna gu bhith a’ ciallachadh sgaradh Bhreatainn bhon Aonadh Eòrpach, agus aig àm sgrìobhaidh seo chan eil e soilleir dè seòrsa aonta leis am fàg sinn. Bidh achaidhean gan cur fo bhratach aonaidh a thèid a bhuain ann am Breatann dealaichte. Ach tha cùisean mòran nas draghaile dha tuathanaich agus croitearan a bhios a’ frithealadh breith uan ann am beagan sheachdainean ‘s gun fhios aca de seòrsa margaid a bhios ann dhan stoc sin deireadh an t-samhraidh.

He that doesn’t sow in March will not reap in autumn! An old proverb with particular relevance this year as the impact of Brexit remains unclear, particularly for example for crofters and farmers commencing lambing while not knowing what sort of market will be available in autumn.

Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk