Beachd Ailein with Allan Campbell 07.03.19

Want to read more?

We value our content  and access to our full site is  only available on subscription. Your subscription entitles you to 7-day-a-week access to our website, plus a full digital copy of that week’s paper to read on your pc/mac or mobile device In addition your subscription includes access to digital archive copies from 2006 onwards

Already a subscriber?

 

Subscribe Now

Rud a chì an leanabh ‘s e nì an leanabh. Chan eil teagamh nach eil modh giùlain òigridh, math agus dona, na sgàthan air na chunnaic is na chual’ iad anns an dachaigh is nan cuid dlùth choimhearsnachd.

Tha seo aithnichte feadh an t-saoghail a thaobh ‘s mar a tha cànan agus dualchas màthaireil a’ gluasad eadar ghinealaichean, agus tha sinn fhìn mar Ghàidheil a’ faicinn mar a tha seargadh anns a’ chleachdadh sin againne air gaiseadh a chur ann an àireamhan luchd-labhairt agus cleachdaidh na Gàidhlig. ‘S e “gluasad cànain” (language shift) a bh’ aig an eòlaiche cànain cliùiteach Joshua Fishman air leithid seo de thachartas, agus ged a sgrìobh e an leabhar ainmeil “Reversing Language Shift” a’ moladh slighe gus cùisean a thionndadh cha robh e idir gun mhothachadh air ìre leithid sin de dhùbhlan.

Ach mar a thig clann gu aois tha iad cuideachd a’ tòiseachadh air ceasnachadh na tha a’ tachairt mun cuairt orra.

Carson a tha gnothaichean mar a tha iad? Ged a tha sinn uile mothachail gum bheil seo nàdarra agus ri mholadh, ‘s iomadh inbheach a th’ air fàs gu math mì-fhoighidneach fo fhras cheistean òigridh. Sin pàirt den adhbhar, saoilidh mi, nach eil sinn daonnan a’ gabhail a’ chothruim beachdachadh air modhan-obrach is cleachdaidhean a th’ againn.

Chan eil teagamh nach eil e nas fhasa cùisean fhàgail mar a tha! Ma dh’obraich iad gu ruige seo carson a bhithte dol gan atharrachadh canaidh sinn, is chan eil feadhainn a dh’iarras a chaochladh ach ri fèin-riarachadh. Sin an seòrsa beachd, am measg rudan eile, a tha a’ fàgail iomadach buidheann coimhearsnachd gann de bhuill gus an cuid obrach a thoirt air adhart nuair a bhios cuid aca a’ fàs sgìth neo sean.

A dh’aindeoin ‘s gum bheil sinn uile a’ tuigsinn gum bheil ginealaichean eile a’ tighinn às ar dèidh, tha sinn tric dualach a bhith neo- èifeachdach ann a bhith gan deisealachadh airson nan uallaichean.

Nuair a sgrìobh am bàrd ainmeil Wordsworth gur e an leanabh athair an duine bha e gu ìre a’ cur car a’ mhuiltein den ghnothach, ach bha e ceart cur nar sealladh gur e mac-meanmhainn agus treibhdhireas òigridh an latha ‘n-diugh a stiùireas saoghal nam bliadhnaichean romhainn. Chan e a-mhàin gum bheil dleastanas oirnne nas aithne dhuinn de mhath ionnsachadh dhan òigridh agus na ceistean aca uile a fhreagairt mar is fheàrr as urrainn dhuinn, tha e cuideachd deatamach gun èist sinn ris na beachdan aca agus gum breithnich sinn cuide riutha air mar a dh’fhaodte rudan a dhèanamh ann an dòighean nas fheàrr.

Tuilleadh neart dhan chlann-sgoile a tha a’ taisbeanadh a thaobh cor àrainneachd na cruinne!

The child is the father of the man. When Wordsworth wrote these much-quoted words he could not have foreseen school children across Britain demonstrating to raise awareness of serious environmental change, but we must all hope that these future adults are better managers of the world than we have been so far.

Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk