Beachd Ailein with Allan Campbell – week 08

Want to read more?

We value our content  and access to our full site is  only available on subscription. Your subscription entitles you to 7-day-a-week access to our website, plus a full digital copy of that week’s paper to read on your pc/mac or mobile device In addition your subscription includes access to digital archive copies from 2006 onwards

Already a subscriber?

 

Subscribe Now

Ged Nach eil duine measail air cìsean tha sinn ag aithneachadh gur ann tromhpa a tha seirbheisean poblach air am maoineachadh agus tha e iomchaidh gum biomaid a’ sùileachadh seirbheis a rèir na tha sinn a’ pàigheadh. Ach aig amannan tha sinn air ar mealladh a thaobh nan còraichean a th’ againn agus bhuail sin gu làidir orm is mi a’ leughadh mar a tha Comhairle Mhoireabh a’ beachdachadh sia notaichean gach pàiste-sgoile iarraidh bho phàrantan ma choinneimh cosgais “luchd-loiliopop” a’ dìon chloinne a’ dol tarsainn shràidean is rathaidean air an slighe dhan sgoil. Chuir e fìor iongnadh orm fhìn nach eil uallach den t-seòrsa mar dhleastanas air comhairlean ged a tha e air a bhith mar chleachdadh feadh na dùthcha fad iomadh bliadhna. Tha cuid sheirbheisean a tha ciallach agus riatanach ann an dùthaich adhartach shìobhalta sam bith agus chanainn gum bheil seirbheis “loiliopop” na dheagh eisimpleir.

Cha b’ iongnadh tàmailt dhan rìoghachd ma-thà a bhith a’ faicinn cosgais dìon ga iarraidh air pàrantan, agus nach leamh da-rìribh gum biodh fàsgadh an ionmhais phoblaich air tighinn gu ìre ‘s gum bheil sochairean sòisealta uile a’ dol air ais ann an saoghal a tha mas a fìor a’ dol air adhart! ‘S e masladh a bhios ann ma thachras seo! Chan ann idir air sgàth ìre na cosgais, ged a dh’fhaodadh sin a bhith na dhuilgheadas gu leòr air teaghlaichean meadhanach mòr aig nach eil cus teachd a-steach, ach gum bheil e na dhearbhadh cho cruaidh air mar a tha cor agus còraichean a’ mhòr-shluaigh a’ cunntadh cho beag ann an rianachd na dùthcha.  Saoilidh mi gum bheil siostam rianachd na dùthcha air ìre dhuilich a ruigheachd nuair a tha milleanan gun chrìch gan cosg air rudan air nach tug an sluagh riamh beachd, gun ghuth air cead, agus goireasan sìobhalta coimhearsnachd gam bagairt ri linn gainnead airgid. Mar eisimpleir, agus a’ fàgail butarrais Bhrexit an dàrna taobh, tha an loidhne rèile HS2 dol a chosg fada a bharrachd air na bha dùil is gun ach cuibhreann beag de Bhreatann dol a bhuannachadh. Ged a tha rannsachadh fhathast a’ dol air cionnas a chaidh pròiseact thramaichean Dhùn Èideann cho fada ceàrr a thaobh cosgais agus ùine togail tha comhairlichean sa bhaile sin ag iarraidh aonta milleanan mòra eile a chosg a’ sìneadh na loidhne astar beag gu ruige Lìte. Agus ann an òraid bhragail nochd Rùnaire Dìon na dùthcha, Gavin MacUilleam, rùn airgead mòr a chosg a’ leudachadh arm Bhreatann gus an dùthaich seo a chumail an sàs ann an sìtheachadh an t-saoghail.

‘S iomadh sealladh a th’ air an t-saoghal ach gun teagamh ‘s ann bho shuidheachadh bochdainn a tha am fear as dorra, agus bu mhath barrachd luchd-poilitigs fhaicinn air sràidean le “loiliopop” airson latha neo dhà, agus a’ fianais dhaoine a’ feitheamh sheirbheisean mheidigeach is eile!

Any move by local authorities to charge parents for school lollipop patrols would surely be an embarrassing abdication of responsibility for a long-standing inexpensive but important provision.

Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk