Beachd Ailein with Allan Campbell – week 07

Want to read more?

We value our content  and access to our full site is  only available on subscription. Your subscription entitles you to 7-day-a-week access to our website, plus a full digital copy of that week’s paper to read on your pc/mac or mobile device In addition your subscription includes access to digital archive copies from 2006 onwards

Already a subscriber?

 

Subscribe Now

Chan fheàrr an t-urras nan t-earras!
‘S e facal cudromach a th’ ann an “urras” ann an Gàidhlig, facal a tha bitheanta a’ buntainn ri earbsa, onair, agus càirdeas. Bu mhath a bhith a’ cluinntinn “thèid mise an urras” ann an còmhradh, chan ann a-mhàin air sgàth facal brìghmhor a bhith ga ghleidheadh ach cuideachd air sgàth tèarainteachd nam buannachdan eile a tha na lùib. Ged a tha an seanfhacal a’ toirt aithne dha luach an fhacail “urras” tha e cuideachd a’ daingneachadh a’ cheangail eadar e agus an t-earras neo am beartas leis am bheil e a’ seasamh.
‘S dòcha gum bheil sibh den bheachd gur e feallsanachd gun bhrìgh a th’ agam, ach thàinig an seanfhacal gum inntinn is mi a’ beachdachadh às ùr air cuspair air an tug mi tarraing bho chionn chola-deug agus mar a tha brath ga ghabhail air cumhachd an eadar-lìn gus fiosrachadh agus teachdaireachd mhì-chneasta a sgaoileadh.
Cha b’ iongnadh daoine a bhith a’ moladh athair na h-ìghne, Molly Russell, a ghabh a beatha fhèin ann an 2017 fo bhuaidh, a rèir a h-athair, cuid de na chunnaic i air làraichean-lìn. Tha an iomairt aig Mgr Russell gus smachd a thoirt air na làraichean sin air aire eadar-nàiseanta a ghlacadh agus tha e na thomhas air ìre na h-anshocair a tha sin ag adhbharachadh dha Facebook agus an làrach Instagram aca gun tàinig an t-àrd-oifigear aig Instagram, Adam Mosseri, gu ruige Breatann a ghabhail an leisgeul airson cuid de na tha iad a’ foillseachadh. Gheall e gun tèid dealbhan de fhèin-dhochann a sguabadh far làrach Instagram, ach saoilidh mi gum bi mòran a’ faireachadh nach robh a chuid geallaidh a’ dol idir cho fada ‘s a dh’iarradh Mgr Russell.
‘S i an trioblaid gum bheil làraichean-lìn leithid seo a’ tàladh luchd-tadhail ri linn cho fosgarra agus cho follaiseach ‘s a tha am fiosrachadh a tha iad a’ foillseachadh, agus tha an ìre gum bheil sin a’ tarraing aire sluaigh na argamaid làidir da-rìribh dha buidhnean coimearsalta a dh’iarradh sanasachd a dhèanamh. Mar a bhiodh dùil tha e uile a’ tilleadh gu airgead, agus prothaid! Sin far am bheil an seanfhacal air an tug mi iomradh a’ ceangal ris an t-suidheachadh seo. Ged a tha Facebook “duilich” ma thug dad a dh’fhoillsich iad fhèin neo a’ chompanaidh Instagram aca dad ceàrr, agus ged a tha Mosseri a’ gealltainn leasachadh, cha bhi iad idir deònach a’ mhargaid shanasachd luachmhor a th’ aca a chall. Ma thachras, mar a tha mòran an dùil, nach fheàrr an t-urras seo aig Instagram na earras an cuid gnìomh a thaobh an sgioblachaidh air an cuid làraichean theagamh gun tig air an Riaghaltas sealltainn gu math nas cruaidhe air ciamar a ghabhas smachd a thoirt orra. ‘S e dùbhlan mòr da-rìribh a bhios an leithid sin de dh’amas!

Promises are worthless until delivered and the ‘cleaning up’ of Instagram should be measured accordingly, and ideally people should exercise their power to boycott where appropriate.

Ailean Caimbeul
(Allan Campbell)
ailean@obantimes.co.uk