Beachd Ailein with Allan Campbell week 04

Want to read more?

We value our content  and access to our full site is  only available on subscription. Your subscription entitles you to 7-day-a-week access to our website, plus a full digital copy of that week’s paper to read on your pc/mac or mobile device In addition your subscription includes access to digital archive copies from 2006 onwards

Already a subscriber?

 

Subscribe Now

‘S math an sgàthan sùil caraid! Sin seanfhacal glè iomchaidh nuair a thathas a’ cuimhneachadh air beatha agus bàrdachd Raibeart Burns air feadh an t-saoghail.

Co-dhiù ’s ann a’ moladh a bha e ann an òran gaoil, ag aithris sgeulachd eirmseach, neo ri aoir, bha cainnt Burns fosgarra ’s gun bhacadh. Cha robh e a’ cleith a laigsean fhèin is e aig amannan a’ nochdadh aithreachas airson earbsa na bha dlùth dha a bhrath.

Chanadh cuid gum bheil sin a’ comharrachadh Burns mar neach eadar-dhealaichte anns an t-seadh ’s nach eil fèin-mheasadh idir onarach anns a’ bhitheantas.

‘S coma dè am pàirt de ar beatha làitheil air am beachdaich sinn feumar aideachadh gur e an t-saorsa a th’ againn co-dhùnaidhean pearsanta a dhèanamh fear de na buannachdan sìobhaltachd agus deamocrasaidh as prìseile dhuinn. Gu nàdarra bidh amannan ann aig am bi na comasan againn a’ dol bhuaithe gun fhiosta dhuinn, neo theagamh le fios dhuinn ach sinn ga àicheadh, agus ’s ann an uairsin as dòcha toradh fèin-mheasaidh a bhith ceàrr.

Ann an iomadach suidheachadh ‘s dòcha nach eil sin gu bhith gu cus diofar, ach aig amannan tha co-dhùnaidhean an urra rinn aig am bi buaidh air daoine eile agus sin far am bheil cus earbsa ann am fèin-mheasadh cunnartach.

Dh’èirich a’ cheist a-rithist bho chionn ghoirid nuair a bha am Prionnsa Philip ann an tubaist rathaid, is e fhèin a’ dràibheadh ’s e faisg air naochad is seachd bliadhna a dh’aois. Gu fortanach cha do dh’fhuiling duine cus millidh ach gun teagamh dh’fhaodadh sin a bhith air tachairt, agus chan iongnadh ceistean a bhith gan togail a thaobh cuin is còir dha neach sgur a dhràibheadh. Their cuid gum bheil mòran, aig gach aois, a’ dràibheadh ach nach bu chòir.

Cuid le dìth eòlais is feadhainn eile le crìonadh comais, agus ann an saoghal anns am bheil carbadan de gach seòrsa a th’ air na rathaidean a’ fàs nas cumhachdaiche agus nas luaithe chan eil e ceart gum biodh am measadh, a thug cead-dràibhidh dha mo leithid fhìn caogad is ceithir bliadhna air ais, a’ seasamh gun dearbhadh bhon uairsin.

Le dràibhearan uidheaman throma mar-thà gan sgrùdadh bitheanta, saoil am bu chòir gach dràibhear càir deuchainn ùrachaidh a ghabhail gach deichead bliadhna gu aois seachdad, agus gach trì bliadhna bho sin gu can ochdad ‘s a còig, is gach bliadhna bho sin air adhart?

Self-assessment is a routine aspect of daily adult life and our judgement of our abilities can be skewed by honest lack of awareness, or denial. In relation to driving ability, that can pose a public risk.

Older drivers need be no less than competent than younger people, but in a world where vehicle power and traffic volume is increasing dramatically, is such as the assessment of my own driving ability 53 years ago totally relevant today?

Heavy vehicle drivers are regularly monitored so, in the interests of safety, shouldn’t regular assessment of car-driver competency also be mandatory?

Ailean Caimbeul (Allan Campbell)

ailean@obantimes.co.uk