Beachd Ailein with Allan Campbell week 03

Want to read more?

We value our content  and access to our full site is  only available on subscription. Your subscription entitles you to 7-day-a-week access to our website, plus a full digital copy of that week’s paper to read on your pc/mac or mobile device In addition your subscription includes access to digital archive copies from 2006 onwards

Already a subscriber?

 

Subscribe Now

Ged tha ùpraidean an t-saoghail a’ cumail dhaoine air bheagan tàmha, Chan urrainn mi gun bhith smaointinn air na laoisg a chaill an nàire…

Sin mar a dh’fhosgail fear de na pìosan bàrdachd as ainmeile aig Dòmhnall (nan Òran) MacLeòid, à Gleann Dail an Eilein Sgitheanaich, Rann do Dh’Èildearan an Lòin Mhòir.

Choisich Dòmhnall mu sheachd mìle a choinneachadh le èildearan na h-eaglaise is e air baisteadh iarraidh dha aon de chuid chloinne. Chaidh am baisteadh a dhiùltadh ‘s e air fhàgail air Dòmhnall gum biodh e a’ gabhail drama, ri fealla-dhà, agus “gun leugh thu ‘n Cuairtear air an t-Sàbaid”.

Air a shlighe thàmailteach dhachaigh chuir Dòmhnall ceithir rannan deug leamh ri chèile, a’ dearbhadh fìor eòlas air sgeulachdan agus feallsanachd a’ Bhìobaill anns na casaidean ceilge a bha e a’ cur às leth nan èildearan a “bha nan suidh’ an cathair binn” air.

Thàinig faclan Dhòmhnaill nam inntinn às ùr is mi ag èisteachd ris a’ ghoileam gun chrìch mu Bhrexit, is mise mar na milleanan eile, tha mi ’n dùil, air fàs cho searbh agus cho tàmailteach mu shuidheachadh ar dùthcha. Saoilidh mi gun robh Dòmhnall nan Òran air a bhith pailt cho geur na chronachadh air a’ mhàirnealachd agus an dìth cuimse a dh’fhàg sinn cho mì-chinnteach air na tha ’n dàn nuair a dhealaicheas Breatann ris an Aonadh Eòrpach.

Ach theagamh gum bheil leamhachas le saoghal poilitigs a’ dol nas fharsainge na Brexit oir tha an earbsa a tha luchd-bhòtaidh a’ cur ann an tagraiche poilitigeach mar chùmhnant eatarra air a bonntachadh air geallaidhean, agus ma ’s e rud eadar-dhealaichte a thig tha fhios gur còir cothrom a bhith aig neach-taice nochdadh am bheil e riaraichte. A dh’aindeoin cho searbh ‘s a tha daoine air fàs den chuspair saoilidh mi gum bheil a’ mhòr-chuid mothachail gum bheil brìgh cùmhnant dheireannaich Brexit cho cudromach ri dad a bha riamh air aire Phàrlamaid Bhreatainn, agus aig àm sgrìobhaidh seo chan eil cus dòchais gun soirbhich le moladh a’ Phrìomhaire.

Mura tèid leatha bidh chun a-màireach aice airson tilleadh chun na Pàrlamaid le moladh eile.

Chan eil luach aig gealladh, beag neo mòr, chun an coileanar e! A dh’aindeoin rabhaidhean bho ionadan mheidigeach innse mura tèid againn air frithealadh aig àm aontaichte tha fhathast mòran nach eil a’ dèanamh sin agus iad ag àicheadh cothrom cobhair dha daoine eile.

Saoilidh mi gum bheil Calmac ceart bho seo a-mach cosgais deich not a chur air luchd- siubhail chàraichean mura leig iad fios nach tèid aca air nochdadh aig àm aontaichte.

By the time you read this MPs will have voted on Theresa May’s proposed Brexit deal, and if she has lost she must present an alternative plan by tomorrow.

While it was unlikely that any proposal would satisfy both sides of the argument, Mrs May has struggled to convince either.

Someone always suffers from broken promises, whether in politics, attending medical appointments as arranged, or having your car at a ferry port on time.

Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk