Beachd Ailein with Allan Campbell week 02

Want to read more?

We value our content  and access to our full site is  only available on subscription. Your subscription entitles you to 7-day-a-week access to our website, plus a full digital copy of that week’s paper to read on your pc/mac or mobile device In addition your subscription includes access to digital archive copies from 2006 onwards

Already a subscriber?

 

Subscribe Now

Siolpadh! Facal a bha bitheanta ann an dual-chainnt na sgìre san do dh’fhàs mi suas air taobh an iar an Eilein Sgitheanaich. Tha an aon chiall aig an fhacal seo ri “èaladh” ach dhomhsa co-dhiù tha am fuaimneachadh a’ toirt dealbh nas fheàrr air seòltachd agus tomhas den olc.

Chan eil mi cinnteach an gabh olc cur às leth an liuthad buidheann choimearsalta a tha a’ sniagadh àrdachadh chosgaisean air luchd-ceannach gun fhiosta dhaibh, ach tha cleachdadh den t-seòrsa seo a’ fàs bitheanta a rèir choltais agus ‘s fhiach aire a thoirt dha na rabhaidhean a tha a’ nochdadh ma dheidhinn.

Bidh cuimhne aig mòran air àm san robh dìlseachd ga mheas cudromach eadar neach-lìbhrigidh seirbheis agus an fheadhainn a bha a’ ceannach bhuaithe agus bha luach air an earbsa a bha a’ fàs eatarra. Gu mì-fhortanach ‘s e glè bheag den t-seòrsa càirdeis sin a chithear a-nise eadar gnìomhachas agus luchd-cleachdaidh agus gu ìre mhòr ‘s coma dè an raon obrach air an smaoinich thu tha na ceanglaichean pearsanta prìseil a b’ àbhaist a bhith ann a’ sìor dhol à sealladh.

Mar eisimpleir cò mheud agaibh dhan aithne manaidsear a’ bhanca a tha sibh a’ cleachdadh, neo marsanta bho bheil sibh a’ ceannach? Gu dearbh tha iomadach neach an-diugh dha nach aithne ainmean an cuid nàbaidhean, agus nach bochd an suidheachadh sin.

‘S ann air leithid cosgais cumhachd, dealan agus gas, agus àrachas thaighean agus charbadan as trice a tha daoine gan glacadh le àrdachaidhean mì-reusanta cosgais, agus anns a’ bhitheantas tha seo a’ tachairt ri linn dìlseachd dhan aon chompanaidh bliadhna às dèidh bliadhna.

Gun teagamh tha riasladh ann a bhith a’ sireadh phrìsean ùra agus ‘s dòcha gluasad gu seirbheis nas saoire agus gu cinnteach tha mòran bhuidhnean a’ gabhail brath air an t-suidheachadh sin. Far am b’ àbhaist luchd-ceannach dìleas a bhith a’ faotainn nam prìsean as fheàrr, an-diugh tha cùisean tric an rathad eile agus bargain gan tairgsinn dha luchd-ceannach ùra.

Cluinnear tric mu fheadhainn a tha a’ faicinn shanasan a tha a’ tairgsinn phrìsean nas fheàrr air leithid àrachas càr neo cùmhnant fòn-làimhe na tha iadsan a’ faotainn bhon aon chompanaidh an dèidh a bhith cuide riutha fad ùine. Mar sin ‘s e deagh chomhairle a th’ ann sùil a thoirt air na roghainnean a tha ri an lorg ma choinneimh sheirbheisean de sheòrsa sam bith agus dearbhadh follaiseach ann glè thric gur fhiach sin an t-saothair is caomhnadh luachmhor ri bhuinnig às.

One of my personal resolutions in 2019 is to make more effort to check price options for as many as possible of the services which I must buy annually.

This will be particularly true for things like household energy contracts and motor insurance where the ‘best available renewal offers’ are frequently even more costly than what these companies are offering to new clients. Caveat emptor (let the buyer beware) is as relevant as it ever was, and for all
purchases.

Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk