Beachd Ailein: Allan Campbell – week 01

Want to read more?

We value our content  and access to our full site is  only available on subscription. Your subscription entitles you to 7-day-a-week access to our website, plus a full digital copy of that week’s paper to read on your pc/mac or mobile device In addition your subscription includes access to digital archive copies from 2006 onwards

Already a subscriber?

 

Subscribe Now

Bliadhna mhath ùr dhuibh uile!

Tha mi ’n dòchas gun robh fìor shubhachas mur timcheall nuair a ghabh sibh beannachd le 2018 agus a chuir sibh fàilte air 2019, agus tha mi cuideachd an dòchas gun robh sibh ann an sunnd gàire agus beagan spòrs nuair a nochd i!   Bu mhath leam gu dearbha gur ann mar sin a bhitheas fad na bliadhna ùire seo dhuibh, le slàinte, sonas, misneachd, agus aighearachd. ‘S dòcha gum bheil e beagan mì-reusanta dhomh a bhith ag iarraidh uimhir ach tha mi ’n dòchas gum faigh sinn uile roinn de na sòlais sin aig a’ char as lugha!  Bidh mi tric a’ cuimhneachadh air amannan bliadhn’ ùire nam òige is mar a bhiodh m’ athair agus nàbaidhean ag aithris faclan à bàrdachd Mhàiri Mhòr nan Òran nuair a bhiodh iad ag òl deoch-slàinte. “Seo a’ Bhliadhn’ Ùr thug sòlas dhuinn!”  Bha e nàdarra gu leòr gum biodh iad uile beò ann an dòchas air adhartas nan cuid suidheachaidh ann am bliadhna ùr.

Dè a dh’iarradh tu fhèin ann an 2019, gu pearsanta agus dhan dùthaich? ‘S e mo bheachd gun cuireadh a’ mhòr-chuid deagh shlàinte dhaibh fhèin agus dhan teaghlaichean àrd air liosta rùintean na bliadhn’ ùire. Bhiodh e nàdarra cuideachd dhuinn a bhith an dòchas ri tèarainteachd dachaigh agus teachd-a-steach dha na bhuineas dhuinn, agus nach bu mhath gun iarramaid leithid sin dhan na h-uile le aithne gun toireadh sin leasachadh bunaiteach air cor uimhir feadh na dùthcha againn a tha beò ann am bochdainn.

Saoilidh mi le cinnt gum bheil fadachd oirnn uile crìoch fhaicinn air a’ bhutarrais anns am bheil ceist Brexit agus dealachadh Bhreatainn bhon Aonadh Eòrpach. Ged is e mo bheachd pearsanta gum b’ fheàrr fuireach san aonadh thug toradh an reifreinn stiùir eile dhan Riaghaltas, ach gu deimhinnte ‘s olc a chaidh iad ri cùisean agus tha sinn a-nise an cunnart dealachadh deireadh a’ Mhàirt gun aonta malairt shusbainteach de sheòrsa sam bith. Bhiodh e ceàrr a ràdh nach robh an seòrsa barganachadh seo toinnte agus doirbh ach tuigear carson a tha mòran a’ faireachadh nach do chuir Ministearan deatamachd gu leòr dhan a’ phrìomh obair. Bha seo gu ìre ri linn na bha, is na tha fhathast, de dh’eas-aonta nam measg mun t-slighe air adhart gun ghuth air prìomh phàrtaidh dùbhlain air leth-chois le neo-dheimhinnteachd poileasaidh! Cha b’ iongnadh mì-chinnt am measg mhòran den t-sluagh agus bidh sinn an dòchas gun tig aonta air innleachd adhartais a bhios gu math na dùthcha gu lèir.

A happy and prosperous new year to you all!  Health and income security are natural priorities in our new year wish lists and if we extend that aspiration to include all of those who have little or nothing, we might achieve some real change in 2019!  Blundering over Brexit is creating confusion and insecurity and we desperately need statesmanship and clarity of purpose from all MPs to progress the best interests of our country.

Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk