Beachd Ailein with Allan Campbell week 52

Want to read more?

We value our content  and access to our full site is  only available on subscription. Your subscription entitles you to 7-day-a-week access to our website, plus a full digital copy of that week’s paper to read on your pc/mac or mobile device In addition your subscription includes access to digital archive copies from 2006 onwards

Already a subscriber?

 

Subscribe Now

Tha mi ’n dòchas gun do chòrd an Nollaig ribh uile, agus gun robh cothrom agaibh ùine a chur seachad ann an cuideachd chàirdean agus charaidean!

An-diugh tha latha na Nollaige a’ ciallachadh dìnnear shònraichte dhan mhòr-chuid den t-sluagh agus tha mi cuideachd an dòchas gun robh cothrom agus càil agaibhse air leithid sin. Bu mhath mar an ceudna ma fhuair sibh tiodhlac air choreigin a tha a’ còrdadh ribh agus a tha gu bhith feumail, agus ma ‘s e aodach a th’ ann bhiodh e fìor mhath nam freagradh e gu cofhurtail fhathast an dèidh a’ bhìdh mhòir.

A’ cur dibhearsain an dàrna taobh tha sinn uile mothachail gum fàg gluasadan an t-saoghail gun tig duilgheadasan agus bròn air cuid mun àm seo mar a thachras aig àm sam bith, ach a dh’aindeoin sin nì a’ mhòr-chuid oidhirp air beagan ùine de thoileachas, cianalas, agus spòrs.

Bheir sin togail dhaibh gun teagamh is iad ag amharc air ais ‘s dòcha air rudan nach deach mar a dh’iarradh iad tron t-seann bhliadhna, agus romhpa gu mì-chinnt tè ùr. Aon trioblaid leis a h-uile cuirm is tachartas ‘s e gum feum iad crìochnachadh agus faodaidh a’ chrìch sin air aighearachd an tachartais cuid fhàgail nas ìsle na bha iad a’ dol thuige.

Thachair mi air prògram rèidio inntinneach an latha roimhe far an robh daoine eadar-dhealaichte a’ beachdachadh air an seòrsa thiodhlacan a dh’iarradh iad fhaotainn, agus a thoirt seachad. Chòrd feadhainn de na “tiodhlacan” sin rium gu mòr.

Mar a bhiodh dùil dh’iarradh cuid sgilean ciùil agus ealain de gach seòrsa, agus bha iarrtas ann cuideachd air comasan labhairt agus sgrìobhaidh a cheadaicheadh càirdeas, conaltradh, agus sìth am measg dhaoine. Bu mhath le aon neach gun robh eòlas an latha ’n-diugh air a bhith aige na òige agus bha rùn aige sin a thoirt dhan òigridh. Dh’iarradh e gu sònraichte an tuigse agus an neart a leigeadh leis seasamh ri burraidheachd de gach seòrsa.

Ach theagamh gur e an taghadh a b’ fheàrr leam uile gu lèir an neach a thuirt gun iarradh esan adhbhar agus comas a bhith a’ gàireachdaich. Chan eil cus gealltanais neo toileachais ann an saoghal anns nach eil gàire, agus cha mhotha na sin a tha cus dòchais aig cànan a chailleas geur-chainnt agus liut labhairt.

Cha chreid mi nach e sin a dh’iarrainn dhuinn uile aig an àm seo, agus anns a’ bhliadhna romhainn. Bliadhna mhath ùr dhuibh nuair a thig i!

Hopefully, you all received useful gifts for Christmas.

I happened on a radio programme where contributors discussed what they might wish as gifts for themselves and others. Predictably, these included artistic talents, and the wish to have had today’s knowledge and experience years before.

My favourite was a wish to have cause and ability for laughter for without such, life will lack inspiration as well as hope. That is why I wish you
laughter, in a happy new year.

Ailean Caimbeul (Allan Campbell)

ailean@obantimes.co.uk