Beachd Ailein with Allan Campbell week 47

Want to read more?

We value our content  and access to our full site is  only available on subscription. Your subscription entitles you to 7-day-a-week access to our website, plus a full digital copy of that week’s paper to read on your pc/mac or mobile device In addition your subscription includes access to digital archive copies from 2006 onwards

Already a subscriber?

 

Subscribe Now

‘S tric a chluinnear beachd gum bheil mothachadh air cò às a thàinig sinn deatamach ann a bhith a’ stiùireadh na slighe as fhèarr air adhart.

Canaidh feadhainn eile gum bheil cus aire air eachdraidh na bhacadh air adhartas agus gur còir nas lugha de dh’ùine a thoirt a’ cuimhneachadh air na chaidh. Nuair a thathar a’ comharrachadh ceud bliadhna bho chrìoch a’ Chogaidh Mhòir tha e tur iomchaidh urram a thoirt dha na milleanan a chaill am beatha anns a’ bhlàr sgreamhail sin, agus anns a liuthad cogadh eile bhon uairsin.

Aig an aon àm ‘s fhiach faighneachd dè a dh’ionnsaich an saoghal bho na h-ìobairtean a rinn uimhir, agus an sgrios a dh’fhuiling coimhearsnachdan feadh an t-saoghail! Dè am feum a rinn a’ chuimhne dha luchd-riaghlaidh? Aon rud a tha cinnteach ‘s e gum bheil daonnan cunnart gun tèid eachdraidh atharrachadh ma leigear fìrinn na thachair air dìochuimhn’.

‘S dòcha nach ann le turchairt a tha, bho chionn ghoirid, aire nam meadhanan air cuimseachadh air a’ cheangal a bh’ aig cuid de luchd-gnothaich Alba ri tràillealachd, agus am beartas a thug iad à cleachdadh cho an-iochdmhor an aghaidh dhaoine eile.

Mar a dh’innis sreath phrògraman telebhisean bho Dhaibhidh Hayman rinn an luchd-gnothaich na gnìomhan seo ann an àitichean leithid tuathan siùcair Iamaica, ach an uairsin cheannaich iad urram is inbhe an seo le cuid dem beartas oillteil a chur an lùib caochladh iomairtean carthannais.

Cuspair eile a th’ air a bhith a’ nochdadh bho chionn greise ‘s e mar a tha naidheachdan fuadain gan cruthachadh agus gam foillseachadh, a’ fàgail dhaoine air am mealladh a thaobh dè tha fìor seach na bhreug! Thug modh-obrach àraid a’ Chinn-suidhe Trump naidheachdan fuadain gu aire is esan a’ fàgail rud sam bith ris nach eil e fhèin ag aontachadh na bhreug, ach tha eachdraidh a’ dearbhadh nach e cleachdadh ùr a tha ann am fianais-bhrèige idir.

Nochd Hayman sin gu làidir ag argamaid gun deach fìrinn a’ cheangail aig Alba ri tràillealachd fhalach fo sgàile na h-inbhe uaisleachd a cheannaich beartas. Mar iomadach duine eile, tha amharas agam, bha mise air a bhith den bheachd gun robh Alba a’ sabaid an aghaidh tràillealachd agus bha e draghail, ach air leth feumail, fìrinn na cùise a chluinntinn.

‘S dòcha gur e an rud a bu sgreamhaile uile gu lèir mar a phàigh Riaghaltas na dùthcha seo fortan dhan luchd-gnothaich seo mar airgead-dìolaidh nuair a chur an lagh às, gu h-oifigeil co-dhiù, dhan chleachdadh aingidh às an robh iad mar-thà air uimhir a chosnadh. Cha bu bheag an t- iongnadh uimhir de nàire bhith air sliochd nan daoine sin is gun iarradh iad an fhìrinn
fhalach, agus abair adhbhar dhuinne an fhìrinn a chuimhneachadh.

David Hayman’s recent television series on Scotland’s shameful links with slavery was an excellent expose of how historical facts can be air-brushed from common knowledge and hidden behind images of charitable benevolence. Proof that fake-news is not a new phenomenon.

Ailean Caimbeul (Allan Campbell)

ailean@ obantimes.co.uk