Beachd Ailein with Allan Campbell week 44

Want to read more?

We value our content and our journalists, so to get full access to all your local news updated 7-days-a-week – PLUS an e-edition of the Oban Times – subscribe today for as little as 56 pence per week.

Already a subscriber?

 

Subscribe Now

Faisg air seachdad bliadhna bho fhoillseachadh an nobhail 1984 tha cuid a’ coimhead air ais air na bruadaran aig Seòras Orwell mar fhàidheadaireachd air cuid de thachartasan an latha ‘n-diugh.

Cha ghabhainn fhìn cus taobh ris a’ bheachd sin ach aig an aon àm tha mi gu tur a’ creidsinn gum bheil teicneòlas a’ toirt buaidh ‘s dòcha ris nach robh dùil air beatha làitheil a’ mhòr-shluaigh a chionn ‘s ged a tha e a’ dlùthachadh dhaoine ann an aon dòigh, ann an dòighean eile tha e a’ cur às do chothroman coinneachaidh is conaltraidh luachmhor a bh’ againn.

Leis a’ chothrom a th’ aig daoine an cuid ceannach a dhèanamh air an eadar-lìon nuair a fhreagras sin orra, tha a rèir coltais barrachd is barrachd a’ seachnadh nam bùithtean agus anns an t-seadh sin chan eil iad a’ cur seachad ùine an cuideachd chàich a chèile mar a bha.

A bharrachd air gum bheil sin a’ cruthachadh chunnartan aonarachdais, tha e cuideachd a’ ciallachadh nach eil na bùithtean fhèin a’ cosnadh uimhir is air am bheil feum aca gus cosgais an làraich agus tuarastail a choinneachadh, gun ghuth air prothaid! Tha na h-uiread de sgeulachdan den t-seòrsa air a bhith a’ nochdadh bho chionn greise agus a-nise tha fios gum bheil na marsantan mòra M&S agus Debenhams a’ fulang, agus Debenhams dol a dhùnadh caogad bùth ri linn a’ chrìonaidh ann an àireamh luchd-tadhail is ceannach.

Chan iongnadh ged a bhiodh àrd-shràidean nam bailtean a’ call an cuid drip is snas leis mar nach tèid aig marsantan air farpais tuilleadh ri seirbheis agus prìsean an eadar-lìn, agus feumar faighneachd mun bhuaidh a th’ aige sin air daoine nach eil a’ coinneachadh is a’ conaltradh mar a bha. Bheil coimhearsnachdan a’ fulang ri linn seo?

Bho chionn beagan bhliadhnaichean a-nise tha dragh air a bhith air mòran sgiobaidhean ball- coise leis mar a tha àireamhan luchd-amhairc air sìoladh, agus teachd a-steach ri linn sin, fo bhuaidh gheamannan a bhith gan craoladh beò air telebhisean. Gu ìre saoilidh cuid againn gum bheil an aon rud a’ nochdadh a-nise aig farpaisean mòra a’ Mhòid Nàiseanta bho thòisich barrachd dhiubh sin a bhith gan craoladh beò. Air an dàrna làimh tha e math agus buannachdail a bhith a’ faotainn barrachd foillseachaidh dhan Mhòd agus dhan Ghàidhlig, ach air an làimh eile tha sinn a’ call cosnaidh nach fhuiling sinn fada.

Cha ghabh teicneòlas neo saoghal telebhisean seachnadh ach tha e deatamach gun lean sin mar sheirbheis dhan mhòr-shluagh is nach leigear leis coimhearsnachd a sgaradh agus cultar a sgrios!

No profit without loss, says a proverb, and some feel that technological developments are now producing damaging side-effects.

One such effect is a serious downturn of customer footfall in high street stores as people opt to shop online, and another negative impact is the turnstile and box-office revenue loss at events being broadcast live on television. Clearly unfortunate if media bankrupts its own subject material!

Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@ obantimes.co.uk