Allan’s Mod

Want to read more?

We value our content and our journalists, so to get full access to all your local news updated 7-days-a-week – PLUS an e-edition of the Oban Times – subscribe today for as little as 56 pence per week.

Already a subscriber?

 

Subscribe Now

GU H-IOMCHAIDH, agus mar a chithear anns a’ cholbh Beachd agam sa phàipear seo, bha prìomh àite aig òigridh anns gach cuirm a ghabh àite thar deireadh seachdain fosglaidh a’ Mhòid Nàiseanta 2018. Chualas cuideachd mun Chomataidh Òigridh a stèidhich an Comunn Gàidhealach agus mar a tha e na amas gun lean seo mar phàirt chudromach den èisteachd agus conaltradh a bhios aig a’ bhuidheann ri òigridh.

Nam òraid fhìn aig an fhosgladh bha dà rud sònraichte air m’ aire. Às leth a’ Bhùird-Stiùiridh agus ballrachd a’ Chomuinn bha mi airson cuimhneachadh le meas agus spèis air Iain MacLeòid a chuir uimhir ri obair na buidhne fad iomadh bliadhna, agus bha mi airson innse gum bheil an Comunn a’ stèidheachadh òraid bhliadhnail mar chuimhne air Iain. Tachraidh sin deireadh an Fhaoillich gach bliadhna bho 2019 aig Oilthigh Dhùn Èideann, agus thèid gach òraid a lìbhrigeadh le neach fo thrithead bliadhna a dh’aois.

Thill mi cuideachd gu cuspair a thog mi an-uiridh a thaobh luach a’ Mhòid agus moladh gum bu chòir a mheas, agus a mhaoineachadh mar “sheud-nàiseanta”. Chuir mi air adhart argamaid gum bheil am Mòd Nàiseanta agus na Mòdan Ionadail a’ cruthachadh buannachd chultarach a tha a’ cur ri amasan leasachaidh Plana Nàiseanta Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba. Thuirt mi gum bheil e a’ brosnachadh Gàidhlig sa choimhearsnachd, a’ cur taic ri Foghlam tro Mheadhan na  Gàidhlig, agus a’ foillseachadh Gàidhlig gu h-eadar-nàiseanta. Rinn mi argamaid gum bheil am foillseachadh sin a’ cur ri turasachd an Alba agus a’ leasachadh na h-eaconamaidh is a’ cruthachadh obraichean, agus san t-seadh sin a’ cur ri amasan cudromach eile a th’ aig an Riaghaltas.

Na mo bheachd tha gach Mòd Nàiseanta a’ cur ri beartas stòras ciùil Gàidhlig a’ BhBC, agus bhruidhinn mi cuideachd mun chothrom a tha na Mòdan a’ toirt dha luchd-ealain Ghàidhlig, agus a’ bhuannachd mhòr eaconamach a tha na sgìrean aoigheachd a’ faotainn às gach Mòd.
Ged a tha farpaisich Mhòdan a’ nochdadh far feadh an t-saoghail, ‘s e Alba dachaigh na Gàidhlig againne, agus feumaidh an cànan soirbheachadh na dùthaich mhàthaireil fhèin.

Tha  sinn a’ cur luach air taic agus adhartasan luachmhor, ach leis an treas Plana Nàiseanta Gàidhlig aig an Riaghaltas a-nise a’ dol an gnìomh, tha còir aithne a thoirt dhan Mhòd Nàiseanta, agus Mòdan Ionadail, mar phàirt phrìseil de dhualchas nàiseanta na h-Alba a tha a’ cur ri cor agus inbhe na Gàidhlig feadh choimhearsnachdan na dùthcha seo fhèin, agus an t-saoghail.

In my address at the opening of the 2018 Royal National Mòd in Dunoon, as President of An Comunn Gaidhealach, I again argued the importance of recognising the Royal National Mòd as a unique national treasure.
For well over a century this event, with the help of thousands of volunteers, has been part of the dynamic which promotes use of Gaelic in communities across Scotland and beyond. National treasures merit special support.
Ailean Caimbeul (Allan Campbell)
ailean@obantimes.co.uk