Beachd Ailein with Allan Campbell week 40

Want to read more?

We value our content and our journalists, so to get full access to all your local news updated 7-days-a-week – PLUS an e-edition of the Oban Times – subscribe today for as little as 56 pence per week.

Already a subscriber?

 

Subscribe Now

‘S neònach mur eil mòran agaibh air tachartas sònraichte a chomharrachadh le dinnear ann an taigh-bìdh spaideil. Thar nam bliadhnaichean tha farpais air fàs am measg nan ionadan sin airson sàr inbhe a chosnadh a tharraingeas daoine gan ionnsaigh, agus ged a tha sin a’ ciallachadh gum bheil am biadh aca sa bhitheantas air leth blasta, tha prìsean a rèir sin.

‘S i Rionnag Mhichelin tè de na comharran as bitheanta agus as cliùitiche agus saoilidh mòran gum bheil iomadach àite a’ meas na duaise sin mar leisgeul gus prìsean àrdachadh chun na h-ìre is nach ruig a’ mhòr-shluagh orra. Aig an aon àm feumar aideachadh gum bheil sinn uile deònach subhachas a dhèanamh uaireigin gach bliadhna agus tha leithid sin a’ cumail iomadh àite-ithe daor a’ dol.

Ach ged a tha e inntinneach gu leòr na h-annlain annasach aig còcairean chliùiteach fheuchainn, tha e fìor a ràdh gum bheil, aig amannan, cus faoineis anns an dòigh sam bheil biadh air a dheasachadh is air a riarachadh. Ann am beachd mhòran bhiodh e pailt cho math agus cho blasta air a chòcaireachd nas simplidhe, agus dh’fhaodadh e bhith mòran nas saoire a cheannach cuideachd!

Ach mar is tric a thachras ann an saoghal telebhisein nuair a thig cuideigin air deagh bheachd eadar-dhealaichte airson prògram agus a shoirbhicheas sin tha gach seanail a th’ ann a’ feuchainn air dreach den aon rud, agus gu cinnteach tha sin fìor a thaobh phrògraman còcaireachd! Gun teagamh tha cuid aca glè mhath an coimhead agus faodaidh sinn uile innleachdan leòmach ùra ionnsachadh le biadh.

Leithid ‘s dòcha quenelle de bhuntàta a chur air an truinnsear seach an cnap àbhaisteach. Chuala mi còcaire ainmeil ag ràdh turas gur e fichead not an t-aon eadar-dhealachadh eadar na dhà!

Ach tha ceannach gu math daor aig na còcairean air inbhe na rionnaige, oir ‘s ann acasan a tha sin is chan ann aig an taigh-bìdh, oir feumaidh iad an ìre deasachaidh a ghleidheadh latha an dèidh latha le fios gum faod neach-measaidh tadhal gun fhiosta, agus tha an obair sin doirbh.

Chan iongnadh ma-thà gum bheil cuid de chòcairean thaighean-bìdh ainmeil a’ cur cùl ri inbhe Rionnagan Mhichelin is iad a’ roghnachadh saoghal nas socraiche, ach fhathast a’ riarachadh deagh bhiadh aig prìsean nas reusanta! Mo bheannachd orra, agus saoil an e gluasad a tha seo a dh’fhàsas? Am bheil còcaireachd sònraichte dùbhlanach nuair a smaoinicheas tu air a liuthad neach eile a ghleidheas duais agus nach fheum an inbhe sin a dhearbhadh gach latha?

Most of us might enjoy fine dining from time to time but many feel that Michelin-starred restaurants are increasingly beyond the budget of average punters.

Unlike winners of many other awards, Michelin chefs must maintain the standard daily in order to retain their status, and that can be seriously exacting.

Congratulations therefore to some who are opting out of this ‘star club’ to serve good food at more manageable prices and stress levels.

Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@ obantimes.co.uk