Beachd Ailein – Allan Campbell – week 37

Want to read more?

We value our content and our journalists, so to get full access to all your local news updated 7-days-a-week – PLUS an e-edition of the Oban Times – subscribe today for as little as 56 pence per week.

Already a subscriber?

 

Subscribe Now

Air Cuairt Ghoirid ann an Arcaibh bha e inntinneach beagan a leughadh ann an taigh-tasgaidh ionadail mu sgeulachd “Chabhsairean Churchill” a chaidh an togail aig àm an Dàrna Cogaidh.  B’ ann ann an 1914 a ghluais a’ Chabhlach Rìoghail gu ruige Bàgh Scapa ann an Arcaibh an toiseach ag aithneachadh fear de na h-acarsaidean fasgach as fheàrr air an t-saoghal a bha cuideachd goireasach airson ionnsaighean cogaidh anns a’ Bhaltic. Chaidh seann shoithichean a chur fodha eadar na còig eileanan mu thimcheall Scapa gus dìon a chur air cabhlach Bhreatainn.  Aig deireadh a’ chogaidh chaidh cabhlach na Gearmailt a chur fo gheàrd anns an acarsaid fhad ‘s a bha deasbad a’ leantainn a thaobh ‘s mar a rachadh dèiligeadh leotha. Gus dèanamh cinnteach nach d’ rachadh na bàtaichean aca a roinn eadar dhùthchannan a bhuannaich an cogadh, cho-dhùin an Admiral Ludwig von Reuter a’ chabhlach Ghearmailteach gu lèir a chur fodha anns an acarsaid aig Scapa.  Chun an latha ‘n- diugh b’ e sin an call mara a bu mhotha riamh ann an aon latha is 52 soitheach gan cur chun a’ ghrunnd. Thogadh a’ mhòr-chuid ach tha seachd fhathast air a’ ghrunnd ann am Bàgh Scapa a’ tarraing dhàibhearan far feadh an t-saoghail.

Thill Cabhlach Bhreatann gu ruige Scapa aig toiseach an dàrna cogaidh agus ged a chaidh dìon na h-acarsaid ùrachadh, chailleadh 833 seòladair anns an HMS Royal Oak a chaidh a cur fodha ‘s i aig acair nuair a fhuair am bata-aigeann U-47 air siolpadh dhan bhàgh air muir-làn beagan làithean an dèidh toiseach a’ chogaidh ann an 1939.  Dh’òrdaich Churchill cabhsairean a thogail eadar na h-eileanan mu thimcheall Scapa gus na caolais a dhùnadh, agus thug an obair ceithir bliadhna. An-diugh tha a’ bhuannachd aig muinntir nan eileanan sin gum faigh iad siubhal air ais ‘s air adhart gun chus maille ach nuair a bhios fìor dhroch shìde a’ fàgail nan cabhsairean cunnartach.

Ann am beagan sheachdainean bithear a’ comharrachadh crìoch aimhreit a’ chiad chogaidh agus a’ dèanamh luaidh air gaisgeachd.  Ach mar a tha soilleir anns an leabhar bheag ghrinn “The Moidart Sniper” a dh’fhoillsich Fergie Dòmhnallach mu eachdraidh athar fhèin anns a’ chiad chogadh cha b’ ann dhen roghainn a chaidh na mìltean mòra “ghaisgich” sin, bho gach taobh, a chogadh!  Tha e fìor mhath gum bheil sgeulachd Sheonaidh Ton Dòmhnallach ann an clò agus saoilidh mi gum bheil i a’ toirt urram cuimhne dhan na h-uile nach do thill, cho math ri feadhainn a thàr beò.

Just weeks before we mark the centenary of the ending of hostilities in 1918 it was good to see and read The Moidart Sniper, Fergie MacDonald’s account of his father John ‘Ton’ Macdonald’s experience with the Lovat Scouts in the Great War.

Unquestionably a story of valour but also a reminder of the futility and waste of war, this nice little book is a tribute to all who fell and to those who made it back.

Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk