Beachd Ailein with Allan Campbell week 27

Want to read more?

We value our content and our journalists, so to get full access to all your local news updated 7-days-a-week – PLUS an e-edition of the Oban Times – subscribe today for as little as 56 pence per week.

Already a subscriber?

 

Subscribe Now

Air mo shlighe air ais bhon Eilean Sgitheanach bho chionn ghoirid stad mi tacan gus mo chasan altachadh, agus gus beachd às ùr a ghabhail air maise na sgìre sam bheil sinn uile cho fortanach a bhith a’ còmhnaidh.

Bha grian a’ deàrrsadh agus fad greiseig cha robh carbad ri fhaicinn na ri chluinntinn, cha robh nam chluasan ach ceilearadh eun agus osnaich beag gaoithe.

Ann am priobadh thug mo chuimhne mi air ais gum òige agus àm buain na mònadh air monadh Òsdail.

Dh’fheumamaid còmhdhail fhaotainn gus acfhainn rùsgaidh is buaine agus biadh a ghiùlan na ceithir mìle na mar sin thuice, agus dhuinne mar chloinn ‘s e làithean sona da-rìribh a bh’ annta sin.

Tha cuimhne agam gu sònraichte a bhith ag amharc is a’ cùnntas nan càraichean a’ siubhal an rathaid-mhòir is iad a’ pronnadh nan gucagan tearra a bha ag èirigh fo theas na grèine, agus tha nuallan uèirichean an telefòn a bha an crochadh ris na pòlaichean ri taobh an rathaid fhathast na mo chuimhne cuideachd.

Cuimhneachain chianalach air làithean sona agus daoine còire nach eil ann tuilleadh, ach chuir an srann aig làraidh làn fiodha às dhan t-sàmhchair agus dhan bhruadar agam ann am beagan mhionaidean agus bha sreang de charbadan de gach seòrsa a’ tighinn bho gach taobh a-rithist.

‘S cinnteach gum bi sinn uile a’ coimhead air ais le toileachas air làithean a dh’fhalbh agus ‘s ann ainneamh da-rìribh a chuimhnicheas sinn air latha fliuch na air droch aimsir. Tha ar cuimhne mar gum biodh a’ dèanamh taghadh air na seallaidhean as fhèarr agus as taitniche, ach tha fios againn mar inbhich gun robh math agus dona ann am beatha dhaoine an uairsin mar a tha an-diugh cuideachd.

Theagamh gun robh pàrantan a’ dìon an cuid chloinne bho dhuilgheadasan chun na h-ìre ‘s nach robh mothachadh aca orra, ach thigeadh cuid a thachartasan nach gabhadh cleith agus a leanadh ann an cuimhne.

Nach tric a leughas neo a chluinneas sinn beachd faoin anns na meadhanan, agus gu deimhinnte b’ e sin a bh’ aig an neach-naidheachd a thuirt gun robh e a’ còrdadh ri saighdearan a bhith a’ feuchainn ri falaisg sgriosail ann an ceann a tuath Shasainn a mhùchadh.

Chan eil duine dam b’ fheudar a bhith a’ sabaid fhalaisg neo teine sam bith dol a dh’innse dhut gun do chòrd an obair sin ris, agus ‘s e dìth tuigse da-rìribh a bh’ aig an neach a thuirt a leithid. Pàirt chudromach den ionnsachadh òg tha fhios, spèis a thoirt dha càch a chèile agus dha uisge agus teine!

There is nothing enjoyable about fighting to extinguish heath fires and only those who have experienced it will truly understand the strength-sapping heat, the dust, and the choking smoke.

When the fire penetrates into peat below the challenge is formidable, and will ultimately only be overcome by substantial rainfall.

Key lessons of childhood must be to respect one another, and fire and water.

Ailean Caimbeul
(Allan Campbell)
ailean@obantimes.co.uk.