Allan Campbell: Beachd Ailein – week 23

Want to read more?

We value our content and our journalists, so to get full access to all your local news updated 7-days-a-week – PLUS an e-edition of the Oban Times – subscribe today for as little as 56 pence per week.

Already a subscriber?

 

Subscribe Now

‘S e fìor thlachd a bh’ ann a bhith aig Mòd Ionadail an Òbain Dihaoine seo chaidh agus chòrd e fìor mhath rium. Le bhith an sàs a’ britheamhachd fad’ an latha cha robh cothrom agam tadhal air farpaisean eile ach bha na chuala mi ‘s na chunnaic mi san talla san robh mi na thoileachas mòr. Chuala mi fhìn agus am britheamh ciùil, Catrìona Callander, farpaisich eadar còig bliadhna agus seachd bliadhna deug tron mhadainn agus air m’ onair aig amannan bha e furasta dìochuimhneachadh cho òg ‘s a bha cuid den chloinn ris an robh sinn ag èisteachd! Bha a’ mhòr-chuid aca cho cinnteach asta fhèin agus cho moiteil a bhith a’ dol gu àrd-ùrlair, gun iomradh air cho math ‘s a bha iad air an deasachadh ma choinneimh nam farpaisean. Bha mi fhìn agus Catrìona cuideachd den bheachd gun cuala sinn dithis dheugairean a dh’fhaodadh a bhith ann am farpais crìochnachaidh a’ Bhuinn Òir ann am beagan bhliadhnaichean, ma chumas na balaich sin orra a’ seinn!

Chuir farpaisean brosnachail eadar seachd chòisirean bun-sgoile crìoch air an fheasgar dhuinn agus saoilidh mi gum bheil a’ mhisneachd a bha sinn a’ faicinn, agus a’ cluinntinn, bhon chloinn am measg nan cuimhneachan as treasa a th’ agamsa air an latha. Bha mi a’ smaoineachadh air sin is mi a’ fàgail an Òbain air mo shlighe dhachaigh is mi ag èisteachd ri iomradh air Rèidio nan Gàidheal mun aithisg aig Mòrair Bhracadail air eucoir gràine, agus na bha na molaidhean aige a’ ciallachadh a thaobh na Gàidhlig. Mar a tha mi a’ tuigsinn chùisean tha an aithisg a’ co-dhùnadh gum bheil na laghan a th’ againn iomchaidh gu leòr airson dìon a thoirt dha coimhearsnachd na Gàidhlig.  Ma tha Gàidheil air am meas mar chinneadh àraid tha neach a bhios a’ brosnachadh gràin orra ri eucoir. Ach am bheil sinn air ar meas mar chinneadh àraid? Agus dè mu na daoine a tha ag ionnsachadh Gàidhlig, ach aig nach eil freumhan sam bith san dualchas Ghàidhealach? Tha an aithisg a’ daingneachadh chòraichean an t-sluaigh an cuid bheachdan a nochdadh, agus tha mi cinnteach gur i a’ cheist cuin a tha càineadh neo magadh air Gàidhlig agus air Gàidheil gu bhith air a mheas gràineil fon lagh.

Dh’ fheumte a ràdh nach eil an lagh air cus bacaidh a chur air mòran den droch bheul aineolach a tha an cànan air a bhith fulang gu ruige seo co-dhiù, agus nach tàmailteach agus millteach sin dha clann a tha a’ faicinn an cuid foghlaim ga sgiùrsadh air leithid de dhòigh.

A lasting memory of last week’s Oban Provincial Mod is the confidence and pleasure demonstrated by so many children in their performances. Later, listening to news coverage of Lord Bracadale’s review of hate crime legislation, I was thinking of the damage which relentless anti-Gaelic media coverage does to cultural confidence. Freedom of speech is not a right to promote scorn and ridicule on any minority!

Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk

Read more about:

Related Articles