Beachd Ailein with Allan Campbell

Want to read more?

We value our content and our journalists, so to get full access to all your local news updated 7-days-a-week – PLUS an e-edition of the Oban Times – subscribe today for as little as 56 pence per week.

Already a subscriber?

 

Subscribe Now

CHA B’ E IDIR LATHA Buidhe Bealltainn a bh’ ann an Dimàirt seo chaidh dhan a h-uile neach ann an Alba, oir sin an latha air an deach lagh ùr eachdraidheil an gnìomh a tha a’ ciallachadh nach fhaodar aonad de dheoch-làidir a reic ann an Alba air nas lugha na leth-cheud sgillinn.

Mar a bhiodh dùil tha taic mhòr dhan ghluasad bho dhotairean a tha làidir sa bheachd gun geàrr an t-àrdachadh prìse gu mòr air na thathas gu bhith ag òl de dheoch-làidir an Alba, agus gun dèan sin leasachadh air slàinte an t-sluaigh agus cuideachd caomhnadh air cosgais dha seirbheis na slàinte.

Ged a chaidh Achd aontachadh ann an 2012 dh’adhbharaich strì an aghaidh an reachdais, gu h-àraid bho Chomann Uisge-beatha Alba, gun tug e sia bliadhna eile dha Riaghaltas Alba an Achd a chur an gnìomh.

Tha e furasta a thuigsinn carson a bhiodh gnìomhachas na dibhe iomagaineach mu lagh a tha dol a chumail prìs àrd air an cuid bathair, agus cha b’ iongnadh marsantan mar an ceudna a bhith mì-thoilichte mu chìs ùr a tha dol a chiallachadh nach tèid aig cuid den luchd-ceannaich àbhaisteach aca ruigheachd air na deochan-làidir fhaotainn tuilleadh. Cluinnear mar-thà gearain air gainnead “sporan Dhòmhnaill” agus mì-chneastachd Riaghaltais a’ cuingealachadh saorsa an t-sluaigh, agus ‘s neònach mura cluinnear a dh’aithghearr cuideachd aithrisean air bùithtean a’ dùnadh ri linn call teachd-a- steach.

Bheil cuimhn’ agaibh air an ùpraid a nochd aig an àm a thug Pàrlamaid na h-Alba an ceum calma ud le lagh a thoirmisg smocadh ann an ionadan poblach? Cha tàinig an sgrios a bhathas a’ fàidheadaireachd, agus ‘s ann a sgaoil an aon seòrsa lagh thairis air a’ chuid eile de Bhreatann. Tha Alba air comas ceannais a’ nochdadh tric, agus tha e inntinneach cluinntinn gum bheil dùthchannan eile ag amharc na tha a’ tachairt an seo a thaobh lagh reic dibhe is iadsan ‘s dòcha deònach eisimpleir Alba a leantainn.

Mar fhear a bha glè mheasail air tombaca fad bhliadhnaichean tha mi uasal às a’ bhuaidh a thug an lagh air smocadh, agus a dh’aindeoin a bhith glè mheasail air drama tha mi den bheachd gun dèan an reachdas seo feum cuideachd. Canaidh cuid gun teagamh gum bheil riaghaltas a’ gabhail cus gnothach ri ar beatha làitheil, eadar ìrean siùcair is salainn am biadh, smocadh, agus a-nise deoch-làidir, ach saoilidh mise gum bheil tomhas de dhleastanas aige a thaobh slàinte an t-sluaigh agus tha reachdas cosgais na dibhe-làidir mar sheòrsa de bhanachdach nàiseanta. Chan eil seo ag àicheadh drama dhuinn, ach le beagan nas lugha dhith cuiridh sinn barrachd luach oirre.

Minimum alcohol unit pricing does not deny any of us a drink, and I welcome the legislation and hope it contributes to a healthier Scotland.

As health has been a principal justification for the Act, one would hope that the millions which this will generate in extra tax revenue will be targeted directly at improving our Scottish health services.

Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk

Read more about:

Related Articles