Beachd Ailein with Allan Campbell

Want to read more?

We value our content and our journalists, so to get full access to all your local news updated 7-days-a-week – PLUS an e-edition of the Oban Times – subscribe today for as little as 56 pence per week.

Already a subscriber?

 

Subscribe Now

DEAGH LÀITHEAN a bha siud dhan Ghàidhlig a dh’aindeoin faoineas agus nimh bho chuid.  Sgoil Ghàidhlig ùr am Port Rìgh, agus an treas tè air ghealltainn ann an Glaschu.

Ùrachadh taic dha obair corpas na Gàidhlig airson nan còig bliadhna romhainn, agus naidheachd mu leudachadh luachmhor ann an clàr phrògraman ùra BBC Alba. Agus leis an treas Plana Nàiseanta Gàidhlig air fhoillseachadh, tha Achd na Gàidhlig 2005 a’ cur impidh air an riaghaltas gun tèid suidheachadh na Gàidhlig a dheasbad ann am Pàrlamaid na h-Alba.

Thachair sin seachdain Dhimàirt seo chaidh agus bha e na mhisneachadh a bhith a’ cluinntinn taic thar-phàrtaidh cho daingeann dhan Ghàidhlig agus dhan a’ Phlana ùr. Fad nam bliadhnaichean a thug mi fhìn a’ stiùireadh iomairt gus gach adhartas dhan chànan a dhìon tro reachdas, bha mi mothachail cho cudromach ‘s a bha e nach biodh Gàidhlig ga faicinn mar rud a bhuineadh do thaobh sònraichte sam bith de phoilitigs. Chaidh sin a choileanadh ann an 2005 le aonta aon-ghuthach air an Achd.

Bha fios glè mhath nach robh an seo ach a’ chiad cheum air an t-slighe chun na h-inbhe thèarainte a bha sinn a’ sireadh ach ‘s e ceum sònraichte a bh’ ann agus tha cumhachd na h-Achd air toradh a liubhairt thar nan dusan
bliadhna bho chaidh i an gnìomh.

Nuair a dh’iarr co-labhairt nàiseanta ann an 1986 poileasaidh nàiseanta dhan Ghàidhlig, chomhairlich Rùnaire Stàite na h-Alba, Seòras Younger, gur i an t-slighe a b’ fheàrr air adhart gun dearbhadh coimhearsnachd na Gàidhlig a creideas na cànan is na dualchas le gnìomh agus gum feumadh Riaghaltas èisteachd. Rinn Gàidheil an dearbhadh sin gu ìre mhath agus tha Achd na Gàidhlig na fianais gun do dh’èist riaghaltas na h-Alba, agus tha deasbad air a’ chànan air clàr na Pàrlamaid an lùib ùrachadh plana Nàiseanta gach còig bliadhna.

Tha e air leth deatamach gum bi na pàrtaidhean fa leth cuideachd ag ùrachadh agus a’ daingneachadh an cuid taice dhan Ghàidhlig anns an leithid seo de dhòigh, agus bha na nochd san deasbad mu dheireadh seo misneachail.

Ach mar a thuirt mi aig toiseach cùise tha nàimhdeas guineach an aghaidh na Gàidhlig cuideachd, agus tha e tàireil agus air leth tàmailteach a bhith a’ faicinn mheadhanan nàiseanta agus ionadail a’ toirt àite dha aithrisean ceàrr, aineolach, agus aig amannan le cainnt a tha gu tur mì-iomchaidh. Tha caochladh adhbharan air chùl leithid seo de mhì-rùn ach chan eil teagamh nach e càineadh Gàidheil air adhartas leasachaidh dha dhualchas fhèin a’ bhuille as miosa.

Chan eil beagan fhaclan sa Ghàidhlig mu cho taiceil ‘s a tha neach dhi dol a dh’àicheadh a’ chroin a tha e a’ dèanamh oirre.

An important clause of the 2005 Gaelic Language Act requires a Scottish parliamentary debate when the National Gaelic Language Plan is renewed, and the latest debate last week was encouraging.

Reaffirmation of cross-party support for Gaelic was an antidote to further ill-informed and vicious media attacks on this unique part of Scotland’s national heritage.

Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk