Beachd Ailein with Allan Campbell week 15

Want to read more?

We value our content and our journalists, so to get full access to all your local news updated 7-days-a-week – PLUS an e-edition of the Oban Times – subscribe today for as little as 56 pence per week.

Already a subscriber?

 

Subscribe Now

CHA B’ IONGNADH CO-FHAIREACHADH a bhith aig a’ mhòr-chuid ri Ridseard Osborn-Brooks ann an sgìre Hither Green de Lunnainn nuair a chaidh a chur an grèim leis a’ phoileas an dèidh dha dochann a dhèanamh air fear a bh’ air briseadh a-staigh dhan dachaigh aige airson mèirle a dhèanamh.

Bha dithis aca ann, agus a rèir aithris bha sgriubhaire aig fear a chleachd sin gus maoidheadh air fear an taighe fhad ‘s a bha am mèirleach eile a’ siubhal an taighe. Ged a tha e seachdad ‘s a h-ochd rinn fear an taighe oidhirp air e fhèin agus a dhachaigh a dhìon agus tha e coltach gun deach am fear a bha ga chuingealachadh a leòn anns an ùpraid a ghabh àite. Theich na mèirlich ach thrèig a chompanach am fear a bh’ air a leòn agus chaochail e san ospadal goirid an dèidh làimhe.

Chaidh am fear leis am bheil an dachaigh a chur an grèim fo chasaid murt adhbharachadh, agus tha e furasta a thuigsinn carson a bhiodh daoine feargach a bhith a’ faicinn “dìon” den t-seòrsa seo ga dhèanamh air mèirleach a bha air cron millteach a chur an gnìomh air dachaigh neach eile.

An dèidh breithneachaidh tha e coltach nach eil an lagh dol a thoirt casaid sam bith an aghaidh Osborn-Brooks, ach tha an tachartas seo a’ dùsgadh na ceiste às ùr a thaobh ìre nan “còraichean” a tha lagh na dùthcha againne a’ toirt dha feadhainn a tha air eucoir a dhèanamh.

Gun teagamh tha an lagh a’ ceadachadh dha neach sam bith neart reusanta a chleachdadh gus iad fhèin is an dachaigh a dhìon, ach tha agus bithidh daonnan ceist ann mu dè tha “reusanta” gu bhith a’ ciallachadh anns gach suidheachadh fa leth. Ma tha dearbhadh ann gun robh am mèirleach a’ teicheadh aig an àm san deach ionnsaigh a thoirt air, tha an lagh dol a pheanasachadh an neach a rinn sin a dh’aindeoin ‘s ged a bha an t-eucorach air briseadh a-staigh dhan dachaigh gu mì-laghail! Saoilidh mise gum bheil e nàdarra gu leòr gum biodh an dà chuid eagal agus fearg a’ bualadh neach sam bith a lorgadh cuideigin taobh a-staigh an dachaigh gun chead.

Fearg gun robh ionnsaigh ga thoirt air an cuid tèarainteachd agus fìor eagal gun robh iad an cunnart am beatha bho chuideigin a rinn leithid sin de chron. Beagan is dà bhliadhna air ais cho-dhùin an Àrd Chùirt gum faodadh daoine ìre mhì-chothromach de neart a chleachdadh a’ dìon am fàrdaichean fhèin agus ‘s neònach mur e seo a chuir stad air cùis an aghaidh Osborn-Brooks.

There was understandable widespread support for Richard Osborn-Brooks following his arrest after a burglar in his home suffered an injury which led to the intruder’s subsequent death.

The fact that no further action will be taken against Osborn-Brooks may be due to a 2016 High Court ruling that residents may now use ‘disproportionate’ force to protect themselves in their homes.

Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk.