Beachd Ailein with Allan Campbell week 10

Want to read more?

We value our content and our journalists, so to get full access to all your local news updated 7-days-a-week – PLUS an e-edition of the Oban Times – subscribe today for as little as 56 pence per week.

Already a subscriber?

 

Subscribe Now

FHAD ’S A THA MI a’ sgrìobhadh seo tha lòineagan sneachda a’ tuiteam gu socair ach gu fàbharach chan eil e a’ laighe, an seo co-dhiù, agus saoilidh mi gun d’ fhuair sinn ar leòr dheth air a’ gheamhradh.

Ach ann a bhith ag ràdh sin tha mi a’ cuimhneachadh air ais air làithean m’ òige air geamhraidhean le mòran a bharrachd sneachda, a bha a’ mairsinn fad ùine cuideachd. Cha robh carbadan ach tearc feadh choimhearsnachdan an Eilein Sgitheanaich an uairsin agus bha na bh ’ann beag agus aotrom taca ris na h-innealan a th’ againn an-diugh, ged a bha sinne gam faicinn uile mòr agus cumhachdach.

Tha mi a’ creidsinn gum biodh cruinn-shneachda gan cleachdadh air prìomh rathaidean ach cha robh leithid sin a’ nochdadh air slighean beaga cumhang dùthchail. Bha bhuil ann, agus nuair a thigeadh cabhadh sneachda cha robh roghainn ach tòiseachadh air rathaidean a ghlanadh le sluasaidean, agus cha bu bheag an t-srì sin far am biodh glè thric citheachan anns an robh troighean de dhoimhneachd! Bha prìomhachas ga thoirt dha na slighean a dh’fheumadh bus na sgìre, còmhdhail sgoile, am post, agus bhanaichean bìdh, gun iomradh air dotairean agus seirbheis èiginn sam bith eile.

‘S iad ‘gillean an rathaid’ a bha an urra ris an dùbhlan a choinneachadh agus ged a bha gu leòr spòrs ga dhèanamh mu cho beag ‘s a bha iad a’ cur às
an dèidh a’ chuid eile den bhliadhna, chan eil teagamh nach robh iad a’ cosnadh an tuarastail ri àm an t-sneachda. Cha robh guth air sailleadh rathaidean an uairsin, dìreach beagan gainmhche far an robh bruthach, agus cha robh dad air a’ chuid a bu chòmhnardaiche.

Leis gun robh an sneachda mar sin a’ laighe fad ùine bhiodh a’ mhòr-chuid de na carbadan a’ cleachdadh shèinichean air an cuid chuibhlichean iomain agus saoilidh mi gum bheil mi fhathast a’ cluinntinn gliongadaich shèinichean bhan a’ phuist a’ dol seachad.

Ag èisteachd is a’ coimhead naidheachdan na dùthcha thar na seachdain a chaidh, bha mi a’ cuimhneachadh cho dìcheallach agus cho soirbheachail ‘s a bha daoine a’ cuideachadh càch a chèile. Bidh mi a’ smaoineachadh gur bochd nach do chuir iad an aon spàirn ann an gleidheadh an cànain is an dualchas, ach theagamh nach robh for aca air an ìre gun robh e a’ crìonadh.

Ach ‘s ann an àm a’ chruadail a dh’aithnichear na càirdean, agus nach math gum bheil ceatharnaich leithid Gillian Rothach an sàs, agus gur math thèid dhith mar Phrionnsapal ùr Sabhal Mòr Ostaig.

WHEN fortune frowns, friends become known, says a Gaelic proverb, and this was emphatically confirmed by community spirit during the recent storms.

These actions revived strong memories of my Skye childhood, and they also renewed my desire to see more of such effort committed to Gaelic language and culture revitalisation.

Congratulations and best wishes to Gaelic champion Dr Gillian Munro, who will take over as the next principal of Sabhal Mor Ostaig in autumn.

Ailean Caimbeul (Allan Campbell)

ailean@obantimes.co.uk.