Beachd Ailein with Allan Campbell week 09

Want to read more?

We value our content  and access to our full site is  only available with a  subscription. Your subscription entitles you to 7-day-a-week access to our website, plus a full digital copy of that week’s paper to read on your pc/mac or mobile device In addition your subscription includes access to digital archive copies from 2006 onwards

Just want to read one issue? No problem you can subscribe for just one week (or longer if you wish)

Already a subscriber?

 

Subscribe Now

THAR NAM BLIADHNAICHEAN fhad ‘s a tha mi air a bhith a’ sgrìobhadh a’ chuilbh seo tha mi air tarraing a thoirt bho àm gu àm air laghan casg astair air rathaidean na dùthcha, agus an-dràsta ‘s a-rithist tha mi air na riaghailtean sin a chàineadh.
Chan eil mi idir ag àicheadh a’ chunnairt a tha an lùib cus astair is cha mhotha na sin a tha mi a’ gabhail leisgeul nan amadan a bhios gan cur fhèin agus dhaoine eile an cunnart am beatha.
Ach tha dà phrìomh argamaid a bhios gam leamhachadh. An toiseach an ìre ‘s gum bheil uile thrioblaidean rathaidean na dùthcha gan “leasachadh” le casg astair, agus anns an dàrna h-àite nach fhaicear peanasachadh air luchd-siubhail a bhios a’ cur maille air càch gu ìre ‘s gum feum iad sin gluasadan cunnartach a dhèanamh gus faotainn air adhart.
‘S e dleastanas an lagha leigeil le sluagh na dùthcha siubhal cho luath agus cho sàbhailte ‘s a ghabhas agus chan eil mi a’ creidsinn gum bheil casg astair cruaidh air prìomh rathaidean, a chaidh a dhealbh gus siubhal luath a cheadachadh, a’ coileanadh an amais sin.
Ged a tha argamaidean cuideachd ann a thaobh lughdachaidh air truailleadh na h-àrainneachd, tha a’ mhòr-chuid de dh’einnseanan an-diugh air an togail air dhòigh a leigeas leotha siubhal nas luaithe gun mhòran cron a bharrachd adhbharachadh.
Bidh an fheadhainn agaibh a tha a’ fuireach ann am bailtean mòra mothachail gum bheil a- nise casg astair fichead mìle san uair ga chur air barrachd shràidean annta sin, co- dhùnaidhean a th’ air am bonntachadh sa mhòr-chuid air sàbhailteachd.
‘S dòcha gum bheil an fheallsanachd sin ceart ach tha ceist daonnan mun ìre feart a tha leithid de lagh a’ faotainn agus comas poileas a chur an gnìomh.
Saoilidh mi gur e seo fear de na suidheachaidhean sin agus a rèir m’ fhianais fhìn chan eil cus spèis ga thoirt dhan astar cheadaichte air na sràidean sin, agus tha mi den bheachd gum feum dràibhear a bhith buileach mì-chiallach neo mì- fhortanach ma thèid a ghlacadh.
Ach tha innleachd ùr casg astair tur eadar-dhealaichte air feadh na dùthcha a-nise le staid nan rathaidean cho dona le tuill is nach gabh siubhal fiù ‘s aig an astar cheadaichte gun fhìor chunnart millidh air carbad.
Ged a tha truas agam ris an fheadhainn a tha a’ mìneachadh mar a tha gainnead airgid is droch aimsir air seo adhbharachadh, cha ghabh gearraidhean anns t-seirbheis seo idir a sparradh air daoine mar a tha a’ tachairt le seirbheisean eile! Is fheàrr brèid na toll, ach ‘s uaisle toll na tuthag. Tha an seanfhacal gu cinnteach ceàrr san t- suidheachadh seo.

WHILE the Scottish people grumble, but are obliged to tolerate, about continuing cuts to public services, the desperate state of our roads network cannot be argued away by any political blaming.
Provision of safe travel networks is a fundamental responsibility of government and these roads must be repaired without delay.

Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk .