Beachd Ailein with Allan Campbell week 06

Want to read more?

We value our content and our journalists, so to get full access to all your local news updated 7-days-a-week – PLUS an e-edition of the Oban Times – subscribe today for as little as 56 pence per week.

Already a subscriber?

 

Subscribe Now

THIG FÌOR À FANAID their an seanfhacal, agus nach minig a chithear rudan an-diugh a bha sinne nar cloinn a’ leughadh mar uirsgeulan ann an comaig!

Ged nach biodh ann ach an comas a th’ againn bruidhinn ri chèile air fònaichean-làimhe, agus ‘s tric a bhios mi a’ smaoineachadh air dè shaoileadh ginealach mo sheanar mu leithid sin de ghoireas. Faisg air ceathrad is ochd bliadhna bho choisich Niall Armstrong air a’ ghealaich tha sinn a-nise a’ faicinn chàraichean is làraidhean a’ siubhal fo smachd choimpiutairean.

Ach ‘s dòcha gur e an gluasad as inntinniche, neo as iargalta, an t-adhartas a th’ air tighinn le sìol planntrais gin-atharraichte agus mar a tha sin air gluasad tro rannsachadh ainmhidheach gu obair ginteil daonna. Leis na bheil ann de dhearbhadh air sgeulachdan ficseanail a’ tighinn gu fìorachd, cha leigeamaid a leas iongnadh a ghabhail à aithrisean a tha a-nise a’ nochdadh gum bi tomhas mhòr de dh’obraichean an t-saoghail gan coileanadh le ròbot taobh a-staigh ùine nach bi fada.

Dha mòran luchd-fastaidh ‘s e fìor dheagh naidheachd a bhios an seo le dealbh a’ nochdadh de sgioba-obrach a dh’fhaodar a chumail an sàs gun lasachadh, na tràillean as fheàrr a chunnacas riamh! Agus leis gum bi iad gun bheatha chan fheumar tuarastalan neo cìsean de sheòrsa sam bith a phàigheadh às an leth, am feum? Uill, ‘s neònach mura cruthaich riaghaltasan cìsean ùra air an leithid, oir saoilidh mi gun lean feumalachd air an ionmhas a tha ga thogail à cosnaidhean mar a tha iad an-dràsta.

Air aon sealladh, tha dòchas air leasachadh mòr eaconamach à leithid seo de dh’adhartas, far am biodh cruthachadh bathair mòran na bu shaoire às aonais chosgaisean thuarastalan chosnaich agus nan cìsean a bhiodh
nan lùib sin. ‘S dòcha, ri linn an fhàis anns an eaconamaidh gum biodh teachd-a- steach an riaghaltais tro chìsean gnìomhachais cho buannachdail is nach biodh buaidh mhòr sam bith aig an lughdachadh a thigeadh air cothroman cosnaidh dhan mhòr-shluaigh, agus gum faodadh daoine a bhith a’ dol air chluaineas sa mheadhan-aois!

Gun teagamh tuigear nach dèan ròbot a h-uile càil. Neo an dèan? Tha fhios nach eil a’ cuingealachadh chomasan nan innealan sin ach ìre sgilean nam feadhna a tha gan cruthachadh, agus le aire air na th’ air tachairt gu ruige seo fhèin cò aige tha fios càite am faodadh cùisean ruigheachd. Leis nach bi iad a’ faireachadh pian neo tàmailt, an tig latha far am bi sinn fo riaghladh ròbotan nach bi air chomas ach math a dhèanamh?

An e sin an aon slighe gus cur às do bhochdainn agus aimhreit an t-saoghail?

CONSIDERING mankind’s extraordinary scientific and technological advances in the past century, the concept of a substantial proportion of all labour being undertaken by robots is credible.

Extremely attractive prospects for employers whose ‘workers’ would require neither wage nor rest. Will it take emotionless robots, capable of only doing good, to eradicate poverty and establish world peace?

Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk .

Read more about: